Tachartasan rè rèis nam ball-airm

Tachartasan rè rèis nam ball-airm
BliadhnaLeasachadh nam Ball-airm
1949Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Atamach aca
1952Rinn na SA deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1953Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1957Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil
1957Rinn na SA deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil

Leasachadh niùclasach

Bha an dà thaobh a' farpais ri chèile gus barrachd bhomaichean a bhith aca. Dh'fheuch iad cuideachd ri bomaichean na bu chumhachdaiche a chruthachadh (faic an clàr gu h-àrd).

Bha na SA dhen bheachd gun robh 'Beàrn Urchraichean' ann sna 1950an agus chosg iad barrachd is barrachd airgid ann a bhith a' feuchainn ri 'beireachdainn' air an taobh eile.

Siostaman losgaidh

B' e bomairean a bha a' losgadh a' chiad Bhomaichean Atamach, ach bha iad sin uaireannan gu math slaodach agus furasta ionnsaigh a thoirt orra. Cuideachd dh'fheumadh ionadan-adhair a bhith air feadh an t-saoghail.

Thòisich an dà chuid an USSR agus na SA a' leasachadh teicneòlas urchraichean a chuireadh rocaidean dhan fhànas. Bha sin a' ciallachadh gur dòcha gum biodh dòighean ùra ann air buill-airm niùclasach a losgadh.