An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.
Chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh ann an 1955. B' e caidreachas armailteach a bh' ann de dhùthchannan comannach. Nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air aon stàit a bha na ball de Aonta Warsaw, chuidicheadh na stàitean eile a bha nam buill le bhith ga dìon.
B' iad na dùthchannan a bha nam buill bho thùs an USSR, a' Ghearmailt an Ear, A' Phòlainn, An Ungair, Seiceoslobagia, Romàinia, Bulgàiria agus Albàinia.
Airson smachd a chumail air an Roinn Eòrpa an Ear. Faodar seo fhaicinn mar nì a thachair air sgàth 's gun deach NATO a stèidheachadh ann an 1949, agus seach gun robh buidheann dhùthchannan an ear air an cuartachadh le dùthchannan NATO.
Fhuair a' Ghearmailt an Iar cead a bhith na phàirt de NATO ann an 1955. Bha an USSR a' faicinn sin mar chunnart a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gum biodh a' Ghearmailt làidir a-rithist agus na cunnart.