NATO – The North Atlantic Treaty Organisation

Chaidh NATO a stèidheachadh ann a' Washington air 4 Giblean 1949. B' e caidreachas armailteach a bh' ann de dhùthchannan calpachais bhon iar. Nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air aon stàit a bha na ball de NATO, chuidicheadh na stàitean eile a bha nam buill le bhith ga dìon.

Cò na dùthchannan a bha nam buill?

  • B' iad na dùthchannan a bha nam buill bho thùs na SA, Canada, Breatainn, An Fhraing, A' Bheilg, An Òlaind, Lugsamburg, Nirribhidh, Innis Tìle, An Danmhairg, An Eadait agus Portagail.
  • Ann an 1952, thàinig a' Ghrèig agus An Tuirc a-steach.
  • Ann an 1955, thàinig a' Ghearmailt an Iar a-steach.
  • Ann an 1982, thàinig An Spàinn a-steach.
Map aê sealltainn nan dùthchannan a bhê ann an NATO agus a bha nam p_irt de dhêAonta Warsaw

Carson a chaidh NATO a stèidheachadh?

Ann an 1949, bha a' mhòr-chuid de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear comannach. Bha eagal ann gur dòcha gun dèanadh an USSR an aon rud ann an dùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar.

Bha Sìona air a dhol gu na Comannaich ann an 1949 agus Coiria a Tuath ann an 1950.

Nuair a chaidh NATO a stèidheachadh, bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na SA buill-airm a chur do stàitean a bha nam buill. Bha sin a' ciallachadh dìon na b' èifeachdaiche nan tigeadh ionnsaigh bhon USSR.