An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.
Bha Truman airson smachd a chumail air comannachd agus cha robh e airson gun sgaoileadh comannachd càil na b' fhaide. Dheigheadh smachd a chumail air comannachd le bhith a' dèanamh gach eaconamaidh eile san Roinn Eòrpa làidir. Bheireadh na SA airgead, bathar agus innealan do rìoghachd sam bith san Roinn Eòrpa mar chobhair. B' e Cobhair Mharshall an t-ainm a bh' air an sin.
Bha Stalin ag iarraidh 'sòn bufair' de stàitean càirdeil a chruthachadh ann an taobh an ear na Roinn Eòrpa.
Bha mòran a bharrachd chothroman agus saorsa aig daoine ann am Berlin an Iar, an coimeas ris an Ear. Bha Berlin an Iar na cùis-nàire dha na comannaich, le iomadach duine airson an Ear fhàgail gus fuireach anns an Iar.