Turas

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.

Mus tòisich thu:

  • Tha e riatanach gun leugh thu na ceistean gu faiceallach gus am bi fios agad dè a tha cudromach anns an fhiosrachadh a chluinneas tu.
  • Dèan cinnteach gu bheil fios agad dè dha-rìribh a tha a' cheist a' faighneachd gus an tagh thu am freagairt cheart.
Rathad, loch is beanntan san Eilean Sgitheanach
Rathad, loch is beanntan san Eilean Sgitheanach

Question

Càite bheil am bus seo a' dol?

Caisteal Dhùn Bheagain.

Question

Càite bheil an t-àite seo?

Ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Question

Dè a' chiad sealladh a tha an dràibhear ag ainmeachadh?

A' Chuilthionn.

Bidh thu ag èisteachd airson an fhacail sealladh, no facal coltach ris, airson seo a fhreagairt.

Question

Dè tha a' dol a thachairt ann an Taigh-òsta an Rìgh?

Cofaidh na maidne.

Nuair a chluinneas tu an abairt Taigh-òsta an Rìgh bidh fios agad gu bheil am freagairt faisg.

Question

Dè a' chiad rud a gheibh luchd-turais cothrom a dhèanamh an dèidh coimhead air a' chaisteal?

Bidh cothrom ann a dhol a-mach ann am bàta a dh'fhaicinn nan ròn agus an eunlaith air na h-eileanan beaga mun cuairt.