A' toirt pàidhrichean chamagan air falbh

FOIL

Nuair a bhios tu ag iomadachadh a-mach paidhir chamagan, iomadaich gach teirm sa chiad chamaig le gach teirm san dara camaig.

Gus nach bi seo gar cur ceàrr, bidh sinn a' cleachdadh FOIL gus ar cuideachadh.

  • First(An toiseach): Iomadaich a' chiad teirm bho gach camaig (a' 1d teirm sa 1d chamaig leis a' 1d teirm san 2ra camaig)
  • Outside(A-muigh): Iomadaich an dà theirm air an taobh a-muigh (a' 1d teirm sa 1d chamaig leis an 2ra teirm san 2ra camaig)
  • Inside(A-staigh): Iomadaich an dà theirm air an taobh a-staigh (an 2ra teirm sa 1d chamaig leis a' 1d teirm san 2ra camaig)
  • Last(Mu dheireadh): Iomadaich na teirmean mu dheireadh bho gach camaig (an 2ra teirm sa 1d chamaig leis an 2ra teirm san 2ra camaig)

Eisimpleir

Iomadaich agus sìmplich \((2x + 5)(3x - 4)\)

Dòigh 1

Diagram of expressions method (2x + 5) (3x - 4)

\[(2x + 5)(3x - 4)\]

\[= (2x \times 3x) + (2x \times - 4) + (5 \times 3x) + (5 \times - 4)\]

\[= 6{x^2} - 8x + 15x - 20\]

\[= 6{x^2} + 7x - 20\]

Dòigh 2

Leis an dòigh seo, thoir a' chiad chamag às a chèile gus na teirmean sa chiad chamaig iomadachadh leis na teirmean san dara camaig, fear mu seach:

\[(2x + 5)(3x - 4)\]

\[= 2x(3x - 4) + 5(3x - 4)\]

\[= 6{x^2} - 8x + 15x - 20\]

\[= 6{x^2} + 7x - 20\]

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Iomadaich a-mach na leanas, agus sìmplich an uair sin.

\[(3a+4) (2a+5)\]

\[=(3a\times 2a) + (3a\times 5) + (4\times 2a) + (4\times 5)\]

\[= 6a^{2}+15a+8a+20\]

\[=6a^{2}+23a+20\]

Question

Iomadaich a-mach na leanas, agus sìmplich an uair sin.

\[(2y - 3)(5y + 7)\]

\[= (2y \times 5y) + (2y \times 7) + ( - 3 \times 5y) + ( - 3 \times 7)\]

\[= 10{y^2} + 14y - 15y - 21\]

\[= 10{y^2} - y - 21\]

Question

Iomadaich a-mach \({(2a - 5)^2}\) agus sìmplich an uair sin.

Tha an soidhne ceàrnagaichte taobh a-muigh nan camagan ag innse gu bheil e air iomadachadh leis an àireamh fhèin. Mar sin sgrìobh sin san dòigh seo:

\[= (2a - 5)(2a - 5)\]

\[= (2a \times 2a) + (2a \times - 5) + ( - 5 \times 2a) + ( - 5 \times - 5)\]

\[= 4{a^2} - 10a - 10a + 25\]

\[= 4{a^2} - 20a + 25\]

Question

Iomadaich a-mach \({(3x + 4)^2}\) agus sìmplich.

\[= (3x + 4)(3x + 4)\]

\[= (3x \times 3x) + (3x \times 4) + (4 \times 3x) + (4 \times 4)\]

\[= 9{x^2} + 12x + 12x + 16\]

\[= 9{x^2} + 24x + 16\]

Question

Obraich a-mach farsaingeachd a' cheart-cheàrnaich gu h-ìosal. Tha na faidean ann an cm.

Rectangle with sides measuring (x + 7) and (x + 4)

Farsaingeachd Ceart-cheàrnaich = faid x leud

\[= (x + 7)(x + 4)\]

\[= (x \times x) + (x \times 4) + (7 \times x) + (7 \times 4)\]

\[= {x^2} + 4x + 7x + 28\]

\({x^2} + 11x + 28\,\) cm2

Question

Sìmplich seo:

\[(x + 1)(3{x^2} - 4x + 1)\]

\[= (x \times 3{x^2}) + (x \times - 4x) + (x \times 1) + (1 \times 3{x^2}) + (1 \times - 4x) + (1 \times 1)\]

\[= 3{x^3} - 4{x^2} + x + 3{x^2} - 4x + 1\]

\[= 3{x^3} - {x^2} - 3x + 1\]

Move on to Test
next