Leasachaidhean a thaobh Dìth

Achd Àrachas Nàiseanta, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • A' toirt dìon a thaobh airgid nam biodh duine gun obair no tinn. Luchd-obrach a' faotainn 26 tastan san t-seachdain no 42 tastan do dh'fhir phòsta.
  • Seann daoine a' faotainn peinnsean.

Dìth soirbheachaidh:

Cha robh càil ann do dhaoine aig nach robh obair agus nach do phàigh a-steach dhan sgeama.

Bochdainn sna 1900an

Achd Leòn Gnìomhachais, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Sochair airgid do dhaoine a bha greiseag gun obair air sgàth leòn.
  • Sochair airgid do dhaoine a bha far an obair greis mhòr.

Dìth soirbheachaidh:

B' e an riaghaltas, agus cha b' e fastaidhear, a bha a' pàigheadh airgead-dìolaidh agus bha sin a' ciallachadh gur e an riaghaltas a bha a' pàigheadh airson leòn san obair.

Achd Cobhair Nàiseanta, 1948

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Sochair airgid do dhaoine gun obair no nach robh air gu leòr a phàigheadh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta.
  • Sochair do sheann daoine nach do phàigh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta rè am beatha.
  • Na cùmhnantan beatha a b' ìsle air an stèidheachadh do dhaoine gun obair.

Dìth soirbheachaidh:

  • Stèidhichte air deuchainn teachd-a-steach. Bha an t-airgead a gheibheadh duine a rèir 's dè na bha de dh'airgead no stuth luachmhor aig neach no teaghlach.
  • Bha mòran sheann daoine nach robh deònach cur airson cuideachadh oir bha iad a' creidsinn gun robh stiogma na chois.