Leasachaidhean a thaobh Thinneasan

Achd Seirbheis Nàiseanta Slàinte, 1946

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Chaidh Seirbheis Nàiseanta Slàinte (NHS) a stèidheachadh ann an 1948, a' toirt cothrom an-asgaidh air dotairean, fiaclairean, luchd nan sùilean agus ospadail. Bha leigheas an-asgaidh.
  • Bha dotairean, fiaclairean agus luchd nan sùilean gus a dhol fodha le daoine a bha a' feitheamh leigheas ach nach b' urrainn pàigheadh air a shon roimhe.

Dìth soirbheachaidh:

  • Ann an 1950 bha an NHS a' cosg £358 millean sa bhliadhna.
  • Bha aig an riaghlatas ri ceum air ais a ghabhail bho sheirbheis an-asgaidh le cìsean a thoirt a-steach airson speuclairean agus leigheas fhiaclan.