An taghadh

An dèidh dhan chogadh san Roinn Eòrpa crìochnachadh, bha taghadh ann am Breatainn airson riaghaltas ùr.

Bha an taghadh an ìre mhath eadar na Pàrtaidhean Tòraidheach agus Làbarach. Bha Winston Churchill os cionn Pàrtaidh nan Tòraidhean agus Clement Atlee os cionn a' Phàrtaidh Làbaraich. San Iuchar 1945, bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh le mòr-chuid.

Ceannard nan Tòraidhean, Winston Churchill, aig àm an taghaidh, 1945
Winston Churchill

An Riaghaltas Làbarach

Aneurin Bevan, Ministear airson Slàinte san Riaghaltas Làbarach
Aneurin Bevan

Stèidhich am Pàrtaidh Làbarach an riaghaltas san Iuchar, 1945. B' e Clement Atlee am Prìomh Mhinistear a bh' ann agus bha Aneurin Bevan na Mhinistear airson Slàinte.

Eadar 1945 agus 1951, chuir an Riaghaltas Làbarach grunn chùisean an gnìomh a thàinig gu bhith aithnichte mar an 'Stàit Shochairean'. Ghabh an riaghaltas uallach airson math nan daoine. Bha na leasachaidhean air an dealbh gus an aire a thoirt air muinntir Bhreatainn 'eadar a' chreathail agus an uaigh'. Bha sin a' ciallachadh gun deigheadh an aire a thoirt orra bho àm am breith gu àm am bàis.

Àrachas Nàiseanta, Seirbheis Nàiseanta Slàinte agus taigheadas

Rinn an Riaghaltas Làbarach iomadh leasachadh agus atharrachadh airson feuchainn ri dèiligeadh ris na Còig Duilgheadasan: Dìth, Tinneas, Aineolas, Salchar agus Dìomhanas.