Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha

Canaidh sinn an Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha [First Past the Post (FPTP)] ris an t-siostam a th' againn airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan.

Tha an dòigh taghaidh seo air a chleachdadh airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan. Airson an taghaidh, tha an RA air a roinn ann an 650 sgìre no roinnean-pàrlamaid (seataichean), agus aig àm an taghaidh, 's e an tagraiche a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean am BP a bhios ann.

Ged a tha luchd-bhòtaidh a' bhòtadh airson BP ionadail, tha iad cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith a' taghadh riaghaltas. 'S e am partaidh leis an àireamh as motha de BP an riaghaltas a bhios ann. Ann an 2015, bha barrachd BP aig na Tòraidhean na bh' aig a h-uile partaidh eile còmhla, (mòr-chuid de na BP) agus mar sin b' iadsan an riaghaltas.

Ann an 2010, rud a bha neo-àbhaisteach, cha d' fhuair partaidh sam bith mòr-chuid de na BP (barrachd BP na bh' aig na partaidhean eile gu lèir). Mar sin thug am Partaidh Tòraidheach (am partaidh bu mhotha an dèidh an taghaidh) cuireadh don Phartaidh Libearalach Dheamocratach pàirt a ghabhail ann an riaghaltas co-bhanntachd.

Taobh a-staigh ionad-bhòtaidh
Daoine a' bhòtadh ann an ionad-bhòtaidh

Buannachdan siostam Àireamh Bhòtaichean as motha

  • Dàimh làidir eadar BP is Roinn-phàrlamaid: bidh aon riochdaire air a thaghadh airson gach roinn-phàrlamaid, agus 's àbhaist mar sin gum bi dàimh làidir eadar am BP agus an Roinn-phàrlamaid. Cuideachd, mura toigh le daoine am BP aca, faodaidh iad bhòtadh gus faighinn cuidhteas e/i.
  • Riaghaltas làidir le aon phartaidh: 's àbhaist gum buannaich aon phartaidh an taghadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil còig bliadhna aig a' phartaidh a bhuannaich airson na planaichean aca a chur an gnìomh (mar a bhios sa mhanifesto). Ann an 2015 b' e am Partaidh Tòraidheach a bhuannaich an Taghadh Coitcheann.
  • Furasta: tha an siostam furasta a thuigsinn is tha sinn eòlach air. Fhuair luchd-bhòtaidh an cothrom o chionn beagan bhliadhnaichean cur às do FPTP ann an taghaidhean pàrlamaid na RA, ach roghnaich iad a chumail.

Eas-bhuannachdan siostam Àireamh Bhòtaichean as motha

  • Beag-chuid na bhòt: sa mhòr-chuid de roinnean-pàrlamaid, bidh barrachd dhaoine (gu h-iomlan) a' bhòtadh an aghaidh an tagraiche a bhuannaicheas na bhòtas dhaibh. Uaireannan, 's dòcha gun tèid BP a thaghadh le àireamh bhòtaichean cho beag ri 35%, beag-chuid, den bhòt. Mar as trice, bidh nas lugha na 50% air bhòtadh dhan phartaidh a bhuannaicheas. Ann an 2015, bhuannaich am Partaidh Tòraidheach an taghadh agus b' iad an riaghaltas, ach cha do bhòt ach 36.9% de na luchd-bhòtaidh, a bhòt, dha na Tòraidhean.

An siostam bhòtaidh a thathar a' cleachdadh ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

  • Chan eil na partaidhean as lugha air an riochdachadh gu cothromach: ann an 2015, fhuair UKIP 12.6% den bhòt ach cha d' fhuair iad ach aon BP. Ann an Alba, fhuair na Làbaraich 24.3% den bhòt ach cha d' fhuair iad ach aon BP. Fhuair Partaidh Nàiseanta na h-Alba [Scottish National Party (SNP)] 50% den bhòt agus fhuair iad 56 de na 59 Buill Phàrlamaid Albannach.
  • Bhòtadh innleachdach: bidh cuid ag ràdh gu bheil FPTP ag adhbharachadh bhòtadh innleachdach (no daoine nach bodraig bhòtadh) oir chan eil iad den bheachd gun toir a' bhòt aca cothrom dhan tagraiche aca buannachadh. Mar eisimpleir, ann an roinn-phàrlamaid san àbhaist BP Tòraidheach a bhith, (ris an can sinn uaireannan seataichean 'sàbhailte'), chan eil e gu mòran feum bhòtadh dha na Làbaraich oir 's e droch sheansa gun tèid an tagraiche aca a thaghadh. Far am bi seo a' tachairt, agus bidh e a' tachairt ann an iomadh roinn-phàrlamaid, 's dòcha gum bi daoine a' bhòtadh, chan ann dhan tagraiche as fheàrr leotha, ach an aghaidh tagraiche nach toigh leotha. Canar gu bheil dà thrian de roinnean-pàrlamaid na RA nan seataichean sàbhailte.