Tomhas-lìonaidh priosam

'S e teann-chruth le tar-dhealbh cunbhalach a th' ann am priosam. Tha sin a' ciallachadh gum bi an tar-dhealbh an aon rud na mheud is na chumadh (co-chòrdach) ge bith càit an geàrr thu e air fhaid.

Diagram of a cylinder split into slices

Tha siolanadair na dheagh eisimpleir de phriosam agus chì thu bhon dealbh gu h-àrd gu bheil meud a' chearcaill san aodann aghaidh (an tar-dhealbh) an aon rud ge bith càit an geàrr thu e.

V = Ah

Question

Obraich a-mach tomhas-lìonaidh a' phriosam.

Hexagonal prism with a length of 12cm and a face area of 54cm²

V = Ah

= 54 \times 12

= 64\,c{m^3}

Question

Obraich a-mach tomhas-lìonaidh a' phriosam.

Triangular prism with dimensions of 12cm x 6cm x 4cm

'S e priosam triantanach a tha sa chumadh seo. Mar sin tha farsaingeachd an tar-dheilbh co-ionann ri farsaingeachd triantain.

Farsaingeachd triantain:

A = \frac{1}{2}bh

= \frac{1}{2} \times 6 \times 4

= 12\,c{m^2}

Tomhas-lìonaidh priosam:

V = Ah

= 12 \times 12

= 144\,c{m^3}

Tomhas-lìonaidh siolandair

Tha sinn a' faighinn tomhas-lìonaidh siolandair (priosam cearcallach) bho thomhas-lìonaidh priosam far an e r an radius agus h an àirde/an fhaid.

V = Ah

Bhon a tha farsaingeachd cearcaill = \pi {r^2}, 's e am foirmle airson tomhas-lìonaidh siolandair:

V = \pi {r^2}h

Question

Obraich a-mach tomhas-lìonaidh an t-siolandair seo.

Thoir do fhreagairt ceart gu 1 figear brìgheil.

Diagram of a cylinder with a height of 10cm and a radius of 4cm

V = \pi {r^2}h

= \pi  \times {4^2} \times 10

= 502.654...

= 500\,c{m^3}\,(gu\,1\,fb.)