Farsaingeachd-uachdair priosam

Ciùbaid

Diagram of a cuboid showing the faces, edges and vertices

Chì thu gu bheil na leanas air a' chiùbaid gu h-àrd:

  • 6 aodainn
  • 12 oir
  • 8 goban

Farsaingeachd-uachdair ciùbaid

Bhon diagram gu h-àrd, chì thu gu bheil:

  • an aghaidh agus an cùl co-chòrdach (an aon mheud 's an aon chumadh)
  • am bàrr agus am bonn co-chòrdach
  • an taobh deas agus clì co-chòrdach

Nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach na farsaingeachd-uachdair, bu chòir dhut sùil a chumail air lìon a' chumaidh. Sin an coltas a bhiodh air a' chruth chruaidh nam biodh e air a sgaoileadh a-mach.

Question

Obraich a-mach farsaingeachd-uachdair a' chiùbaid gu h-ìosal.

Diagram of a cuboid with the values 20cm, 15cm and 7cm

Tha lìon a' chiùbaid gu h-ìosal:

Diagram of a prism net with labelled faces and dimensions of 15cm x 20cm x 7cm

Farsaingeachd a' bhàrr = faid x leud ( l \times b)

= 20 \times 7

= 140\,c{m^2}

Farsaingeachd a' bhuinn = 140\,c{m^2}

Farsaingeachd na h-aghaidh = faid x leud ( l \times b)

= 20 \times 15

= 300\,c{m^2}

Farsaingeachd a' chùil = 300\,c{m^2}

Farsaingeachd an taoibh chlì = faid x leud ( l \times b)

= 15 \times 7

= 105\,c{m^2}

Farsaingeachd an taoibh dheis = 105\,c{m^2}

Farsaingeachd-uachdair iomlan = 140 + 140 + 300 + 300 + 105 + 105 = 1090\,c{m^2}

Question

Obraich a-mach farsaingeachd-uachdair a' phriosam gu h-ìosal.

Diagram of a cylinder with a height of 36cm and a radius of 14cm

Tha lìon an t-siolandair gu h-ìosal.

Net of cylinder with a height of 36cm and a radius of 14cm, and a circumference of 87.92cm

Farsaingeachd a' bhàrr = \pi {r^2}

= 3.14 \times {14^2}

= 615.44\,c{m^2}

Farsaingeachd a' bhuinn = 615.44\,c{m^2}

Farsaingeachd ceart-cheàrnaich = faid x leud ( l \times b)

= 87.92 \times 28

= 2461.76\,c{m^2}

Farsaingeachd-uachdair iomlan = 615.44 + 615.44 + 2461.76 = 3692.64\,c{m^2}