Factaraidhean thràillean air cost Afraga

An toiseach, bhiodh luchd-malairt thràillean às an Roinn Eòrpa a' dol air tìr agus a' glacadh na b' urrainn dhaibh de dh'Afraganaich. Ach bha sin gu math doirbh, agus an dèidh sin bha e na b' fhasa dha na h-Eòrpaich malairt ri ceannardan Afraganach san àite fhèin. Bheireadh ceannardan Afraganach dhaibh tràillean a ghlac iad bho àiteachan no bho threubhan eile an àite bathar às an Roinn Eòrpa mar aodach, deoch-làidir agus innealan iarainn.

Stèidhich Eòrpaich eile dùin no campaichean malairt air cladach Afraga an Iar. Bhiodh iad fhèin a' fuireach an sin agus a' reic thràillean ri bàtaichean thràillean a bha a' dol seachad. Chante 'factaraidhean thràillean' ri ionadan-thràillean dhen t-seòrsa sin.

Ann an 1662 ghlac Breatainn Factaraidh Thràillean Caisteal Cladach a' Cheap san àite ris an canar Ghana an-diugh. Bha prìosan mòr ann fon talamh agus ghabhadh e suas ri 1,000 tràill a bha a' feitheamh am malairt.

Factaraidh thràillean Caisteal Cladach a' Cheap ann an Ghana
Caisteal Cladach a' Cheap

Ann an 1672 stèidhich Companaidh Rìoghail Afraganach Bhreatainn ionad air Eilean Bance air Abhainn Sierra Leone. Bha Eilean Bance na phrìomh ionad-malairt do ghnìomhachas tar-Atlantaig nan tràillean. Bha e air a chleachdadh airson faisg air 140 bliadhna.

Dòigh-beatha ann am factaraidhean nan tràillean

Bhiodh luchd-riaghlaidh no ceannardan Afraganach san sgìre glè thric a' toirt thràillean dha na factaraidhean thràillean. Bha lannsair a' dèanamh sgrùdadh orra an sin, agus bhiodh an companaidh leis an robh an fhactaraidh a' ceannach an fheadhainn a bha air am meas fiot airson obair. Bha comharra ga losgadh le iarrann air broilleach nan tràillean a bha air am meas fiot gus nach cuireadh luchd-malairt Afraganach tràillean nach robh fiot nan àite. Bha na tràillean a dheigheadh a cheannach air an glasadh ann an ceallan factaraidh nan tràillean gus an tigeadh bàta thràillean a bheireadh a-null thairis iad.

Bha beatha chruaidh cuideachd aig na h-Eòrpaich a bha sna factaraidhean. Chaochail mòran le galaran tropaigeach leithid mailèiria no fiabhras buidhe. Bha an dòigh-beatha mì-chofhurtail, agus cha robh mòran ann a dhèanadh iad ann an dùthaich anns nach robh iad eòlach, fada air falbh bhon teaghlaichean.