Buaidh air comainn-shòisealta ann an Afraga

Tràillealachd ann an Afraga an Iar

Bha tràillealachd air a bhith ann an Afraga an Iar fada mus tàinig na h-Eòrpaich ann. Bha prìosanaich à blàran eadar rìoghachdan a bha a' srì ri chèile glè thric air an cumail mar thràillean. Dh'fhaodadh gum biodh na tràillean sin ag obair ann am mèinnean, no fiù 's air am marbhadh ann an deas-ghnàthan creideimh.

B' ann glè ainneamh a bhiodh luchd-malairt thràillean às an Roinn Eòrpa a' glacadh thràillean Afraganach iad fhèin. Bha e doirbh do shlighe a dhèanamh air sgàth cruth na tìre, agus glè thric bha rìoghachdan an àite ro làidir airson beagan luchd-thràillean geal a dhol a shabaid riutha. Bha a' mhòr-chuid de thràillean air an reic ris na h-Eòrpaich le Afraganaich eile.

Bha cuid de stàitean Afraganach, leithid Ashanti, (Ghana an-diugh) a' malairt nan tràillean aca airson bathar – nithean mar aodach, deoch-làidir agus gunnachan. Bhiodh iad an uair sin a' cleachdadh nan goireasan ùra airson fàs na bu chumhachdaiche agus airson sabaid rin nàbaidhean airson tuilleadh thràillean a ghlacadh.

Rìoghachd Dhahomey

Ghabh Rìoghachd Dhahomey (Benin an-diugh) cuideachd brath air malairt nan tràillean. Thug iadsan ionnsaighean air tìrean mun cuairt dìreach airson tràillean a ghlacadh. Ghabhadh na tràillean an uair sin an reic ris na h-Eòrpaich. Rinn an Rìgh Tegbesu à Dahomey £250,000 sa bhliadhna suas gu 1750 a' reic Afraganaich mar thràillean. Fhad 's a bha esan a' riaghladh, bha a' mhòr-chuid de theachd-a-steach na rìoghachd a' tighinn bho reic thràillean.

Mu dheireadh bha uiread de dh'iarraidh air tràillean 's nach robh prìosanaich gu leòr ann. Chaidh buidhnean a chur air dòigh airson Afraganaich òga a ghlacadh agus a ghoid bho threubhan eile.

Thathar a' tuairmse gun tugadh 326,000 tràill à Bight of Bonny (Nigeria an-diugh) eadar 1780 agus 1800. Ann an 1790, thuirt Alexander Falconbridge, lannsair air bàta thràillean, gun robh gunnachan, fùdar, aodach-fighte, bàraichean iarainn agus branndaidh mar phàirt dhen bhathar a bh' air a chleachdadh san sgìre sin airson tràillean a cheannach. Bha bathar copair, umha agus feòdair cuideachd cumanta.

Thàinig an t-ainm Costa nan Tràillean gu bhith air an sgìre timcheall Bight of Benin agus Bight of Bonny.

Buaidh mhaireannach air Afraga

Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do mhill malairt nan tràillean Afraga air sgàth 's gun robh cogaidhean ann gun sgur. Bhàsaich na milleanan de dhaoine òga, làidir. Cha do chùm Afraga suas ris a' chòrr dhen t-saoghal. Tha cuid de eòlaichean dhen bheachd gur e sin bu choireach gun do thòisich daoine às an Roinn Eòrpa a' tuineachadh ann an Afraga san 19mh linn.

Bidh eòlaichean eile ag innse mu na buannachdan a thug malairt nan tràillean do luchd-riaghlaidh ann an Afraga. Shoirbhich luchd-riaghlaidh nan rìoghachdan Afraganach air sgàth malairt nan tràillean. Nuair a chuir Breatainn às do mhalairt nan tràillean ann an 1807, sgrìobh an rìgh ann am Bonny chun na Pàrlamaid a ghearan.