Liverpool agus gnìomhachas nan tràillean

San 18mh linn, rinn Liverpool mu £300,000 sa bhliadhna bho ghnìomhachas nan tràillean. Bha a h-uile port eile ann am Breatainn a bha an sàs ann am malairt nan tràillean a' dèanamh mun aon uiread a-rithist còmhla.

Sna 1780an thug bàtaichean a bha stèidhichte ann an Liverpool còrr is 300,000 à Afraga mar thràillean. Ann an 1795 bha Liverpool an urra ri còrr is 80% de mhalairt nan tràillean ann am Breatainn agus còrr is 40% de mhalairt nan tràillean san Roinn Eòrpa gu lèir.

Ged a bha marsantan Liverpool an sàs ann an gnìomhachasan agus ann am bathar eile, bha obair ann am malairt nan tràillean a' gabhail a-steach a' phuirt gu lèir. Cha mhòr nach robh na prìomh mharsantan agus na prìomh shaoranaich gu lèir ann an Liverpool, agus mòran de cheannardan a' bhaile, an sàs sa ghnìomhachas.

Fhuair am baile beairteas mòr. Choisinn docaichean a' bhaile tòrr airgid tro mhalairt nan tràillean. Thug e brosnachadh air leth cudromach do mhalairt agus do leasachadh gnìomhachais air feadh ceann an iar-thuath agus Meadhan Shasainn.

Ann an 1700 b' e port iasgaich a bh' ann an Liverpool agus bha mu 5000 a' fuireach ann. Ann an 1800, bha 78,000 a' fuireach agus ag obair ann an Liverpool. Fhuair na mìltean obair air sgàth malairt nan tràillean:

  • Bha feum air bàtaichean agus dh'fheumaist an togail agus an uidheamachadh.
  • Bha feum mhòr air saoir, luchd-dèanaimh ròpan, luchd-obrach sna docaichean agus air seòladairean.
  • Fhuair cuid eile obair ann am bancaichean agus ann an obair àrachais.

B' e baile air leth soirbheachail a bh' ann an Liverpool agus shoirbhich e le bhith an sàs ann am malairt nan tràillean.

Pàirt malairt nan tràillean ann an gnìomhachas Bhreatainn

Thug malairt nan tràillean brosnachadh do ghnìomhachas agus do dh'obair saothrachaidh ann am Breatainn oir bha feum air nithean leithid uidheamachd obair planntachais agus aodach dha na tràillean agus dha na h-oighreachdan.

Thuirt Joseph Inikori, eòlaiche à Afraga, gur dòcha gur e malairt nan tràillean a dh'adhbhraich gun do thachair Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais. Fhuair gnìomhachas Bhreatainn buannachd oir bha bathar a rinneadh ann am factaraidhean ga reic airson thràillean. Rinn a' phrothaid à malairt nan tràillean airgead a chaidh a thasgadh ann an gnìomhachas Bhreatainn.