Malairt an triantain

Map a’ sealltainn malairt thriantanach aig àm malairt nan tràillean agus àiteachan a bha na lùib

B' e 'malairt an triantain' an t-slighe seòlaidh a bha bàtaichean thràillean Bhreatainn a' gabhail. Bha trì ceumannan air an t-slighe:

1) Bhiodh bàta thràillean à Breatainn a' fàgail Liverpool no Bristol airson a dhol a dh'Afraga agus iad a' giùlan bathar malairt.

Bha cuid dhe na tràillean air an glacadh gu dìreach le bàtaichean Bhreatainn. Bha iad a' glacadh dhaoine ann an Afraga le foill.

Bha a' mhòr-chuid de bhàtaichean thràillean a' faighinn nan tràillean bho 'bhàillidhean' Breatannach a bha a' fuireach ann an Afraga agus a bha a' ceannach thràillean bho cheannardan nan treubhan ionadail. Bheireadh na ceannardan ionnsaigh air baile a bha nan aghaidh agus reiceadh iad na nàimhdean a ghlac iad mar thràillean. Bhiodh na tràillean air am mèarrsadh chun a' chosta, ceangailte le sèine, far an robh iad air an cumail ann am prìosain ris an cante 'factaraidhean'.

Malairt thràillean thar an Atlantaig

Ann an 1700, bha tràill a' cosg mu fhiach £3 de bhathar malairt (aodach, gunnachan, fùdar ghunnachan agus branndaidh).

2) Bhiodh am bàta an uair sin a' dol thar an Atlantaig dha na h-Innseachan an Iar – chante an 'Turas Meadhain' ris a' chuid sin dhen t-slighe.

Nuair a ruigeadh iad na h-Innseachan an Iar, bha na tràillean an uair sin gan reic aig rup.

Ann an 1700, bha tràill ga reic sna Innseachan an Iar air £20. Bha sin a' ciallachadh gun robh deagh phrothaid ri dhèanamh agus b' fhiach e an cunnart a bha na chois.

3) Bhiodh cuid de bhàtaichean an uair sin air an luchdachadh le siùcar agus le ruma airson a reic ann am Breatainn nuair a thilleadh iad dhachaigh.

Malairt an triantain