Rianachd agus nàdar malairt nan tràillean

Suas chun an 19mh linn, cha robh mòran dhaoine a' faicinn càil ceàrr air tràillealachd. Bha an dà chuid riaghladairean Afraganach agus luchd-malairt Eòrpach deònach a bhith ri malairt thràillean.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh

Thòisich malairt nan tràillean nuair a bha luchd-malairt à Portagail agus às an Spàinn a' toirt thràillean à Afraga dha na coloinidhean Ameireaganach a chuir iad fodha sa 15mh linn. Chaidh mu 350,000 Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga mar thràillean san dòigh sin.

Malairt nan tràillean a' tòiseachadh san Atlantaig

Breatainn agus malairt nan tràillean

Dealbh de Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a bha ri malairt thràillean
Sir John Hawkins

Chaidh seòladairean Breatannach an sàs ann am malairt nan tràillean san 16mh linn. Thòisich spùinneadairean Sasannach air tràillean a reic ris na coloinidhean Spàinnteach. B' e Sir John Hawkins a' chiad chaiptean-mara Sasannach a rinn sin. Chunnaic dùthchannan eile mar a rinn e agus cha b' fhada gus an do rinn iad fhèin an aon rud.

Cùmhnant Utrecht

Ann an 1713, chaidh Cùmhnant Utrecht a shoidhnigeadh. Thug an Spàinn an cùmhnant, ris an canar an Asiento, do luchd-malairt thràillean ann am Breatainn airson 144,000 tràill gach bliadhna a chur dhan roinn Spàinntich de dh'Ameireaga a Deas. An dèidh 1700, chaidh an àireamh thràillean a bha gan gluasad am meud gu mòr.

Chaidh 's dòcha 6 millean Afraganach a thoirt a dh'Ameireaga mar thràillean, agus bha co-dhiù an treas cuid dhiubh air bàtaichean Breatannach. Tha tuairmse ann gun deach mu 12 millean Afraganach a ghlacadh airson an toirt a dh'Ameireaga mar thràillean.

Càit an deach na tràillean?

  • Chaidh còrr is 55% dhe na tràillean a Bhrasil agus a dh'Ameireaga a Deas a bha leis an Spàinn.
  • Chaidh mu 35% a thoirt dha na h-Innseachan an Iar.
  • Chaidh na bu lugha na 5% de thràillean a reic ann an Ameireaga a Tuath.
Map de mhalairt nan tràillean, a’ sealltainn a’ cheudad de thràillean a thugadh do dhiofar dhùthchannan

Ann an 1770 chaidh mu 100,000 tràill a chur à Afraga a dh'Ameireaga. Chaidh mu 50,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach.

Ann an 1790 chaidh mu 74,000 tràill a chur dhan t-Saoghal Ùr. Chaidh mu 38,000 dhiubh sin ann air bàtaichean Breatannach, mu 20,000 air bàtaichean Frangach, mu 10,000 air bàtaichean à Portagail, mu 4,000 air bàtaichean Dùitseach agus mu 2,000 air bàtaichean às an Danmhairg.

Bha bàtaichean malairt Bhreatainn a' gabhail pàirt ann am malairt nan tràillean gus an deach cur às dha ann an 1807.