Astar

Nuair a bhios tu a' seòladh, feumaidh tu astar agus cùrsa a chleachdadh.

Eisimpleir

Tha bàta a' fàgail caladh air cùrsa de 165^{\circ} airson 7\,km agus tha i an uair sin ag atharrachadh gu cùrsa de 043^{\circ} agus a' seòladh 4\,km.

Gabhaidh an turas a shealltainn air diagram sgèile.

Bhiodh 1\,cm a' riochdachadh 1\,km na sgèile reusanta airson seo agus dh'fheumadh tu rùilear agus protractair.

Chan e dealbh sgèile a tha san diagram gu h-ìseal ach sgeidse airson beachd a thoirt air cò ris a bhiodh an dealbh sgèile coltach.

7km line 165 degrees from north line. Second line 4km and 43 degrees from north line leads to boat

Air pìos pàipear bàn faodaidh tu taghadh càit an cuir thu an caladh.

Feumaidh tu cuideachd na loidhneachan Tuath a dhèanamh thu fhèin.