Co-chomharran 3 figearan

Smaoinich ort fhèin ann am bàta aig muir. Tha thu air chall agus chan fhaic thu tìr.

Chuir thu airson cuideachadh air an rèidio agus chaidh iarraidh ort seòladh air cùrsa de \(125^{\circ}\). Dè tha seo a' ciallachadh?

'S e àirde a th' ann an cùrsa. Tha e daonnan air a thomhas deasail bhon Tuath.

Chì thu an cùrsa \(125^{\circ}\) san diagram gu h-ìseal.

Diagram showing a 125 degree angle

Na do bheatha dha-rìribh, dh'fheumadh tu combaist airson Tuath a lorg agus an uair sin an cùrsa \(125^{\circ}\).

Tha ceàrnan nas lugha na \(100^{\circ}\) air an sgrìobhadh le '\(0\)' romhpa airson co-chomharra 3 figearan a dhèanamh dhiubh. Mar eisimpleir, \(060^{\circ}\), \(021^{\circ}\).

Gabhaidh puingean na combaist a sgrìobhadh mar cho-chomharran 3 figearan:

Tuath\[000^{\circ}\]
An Ear-thuath\[045^{\circ}\]
An Ear\[090^{\circ}\]
An Ear-dheas\[135^{\circ}\]
Deas\[180^{\circ}\]
An Iar-dheas\[225^{\circ}\]
An Iar\[270^{\circ}\]
An Iar-thuath\[315^{\circ}\]

Cha leig thu leas cuimhneachadh orra seo, ach bu chòir dhut cuimhneachadh air na ceumannan de \(45\,ceuman\).

Aig muir, air tìr no anns an adhar, 's e co-chomharran 3 figearan as trice a th' air an cleachdadh na puingean na combaist. Ach bu chòir fios a bhith agad air an dà dhòigh.

A' lorg a' chùrsa gu A bho B

Seo eisimpleir. Smaoinich gu bheil thu aig puing B. Tha thu airson siubhal gu puing A. Dè an cùrsa air am bu chòir dhut siubhal?

Diagram showing a 74 degree angle at point 'B'. T A B, where T is north line (Tuath)

'S e an cùrsa \(074^{\circ}\).

Question
Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B. Feumaidh tu protractair.

An d' fhuair thu \(056^{\circ}\)?

Cuimhnich gun sgrìobh thu do fhreagairt mar cho-chomharra 3 figearan.

Question
Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B.

An d' fhuair thu \(200^{\circ}\)?

Ma fhuair, 's math a rinn thu. Chunnaic thu gun deach an ceàrn deasail a thoirt dhut.

Question
Diagram showing an angle

Lorg an cùrsa A bho B.

'S e \(134^{\circ}\) am freagairt ceart.

'S math a rinn thu ma fhuair thu ceart e. Mura d' fhuair, cuimhnich gum feum sinn an ceàrn deasail eadar an loidhne Tuath agus an loidhne AB.

Diagram showing a 46 and 134 degree angle