Irisean: tuilleadh cheistean air an earrainn

Question

5. Ciamar a tha fios againn gu bheil ùidh aig an ùghdar fhèin ann an irisean?

Tha ùidh aige ann an irisean-siubhail.

Question

6. An urrainn dhut innse san fharsaingeachd do dhaoine eile mu na leugh thu?

(a) Fhuair mi mòran fiosrachaidh.

(b) Cha d’ fhuair mi fiosrachadh gu leòr.

(c) Bhiodh/cha bhiodh ùidh aig daoine eile san fhiosrachadh.

Question

7. Nad bheachd dè an t-amas a tha aig an ùghdar aig deireadh na h-aiste?

Tha an t-ùghdar a’ feuchainn ri toirt air an leughadair beachdachadh air mar a tha irisean cudromach na bheatha fhèin.

Question

8. A bheil thu a’ smaoineachadh gun robh an aiste:

(a) inntinneach

(b) dùrachdach?

Inns carson.

(a)(i) Bha i inntinneach oir tha i ag innse mu eachdraidh air nach eil fios aig a’ mhòr-chuid.

No

(a)(ii) Cha robh i inntinneach oir ged a tha ùidh aig gu leòr ann an irisean, chan eil ùidh aca ann an eachdraidh irisean.

(b)(i) Bha i dùrachdach oir tha ùidh aig an ùghdar sa chuspair.

No

(b)(ii) Cha robh i dùrachdach oir chan eil beachdan a’ nochdadh innte idir.

Move on to Test
next