Irisean: ceistean air an earrainn

Question

1. Dè seòrsa aiste a tha seo? Inns carson a tha thu den bheachd seo.

’S e aiste fhiosrachail a th’ ann. ’S e glè bheag de bheachdan agus fiosrachadh pearsanta a th’ anns an aiste. Chan eil an t-ùghdar a’ feuchainn ri buaidh a thoirt ort no do bheachdan atharrachadh. Tha e a’ toirt seachad fiosrachadh mu irisean.

Question

2. Nad bheachd, dè am prìomh amas a bh’ aig an ùghdar?

B’ e eachdraidh irisean a thoirt seachad prìomh amas an ùghdair.

Question

3. Nad bheachd, an robh amasan eile aige?

Bha e airson innse mar a tha irisean fhathast cudromach san latha an-diugh.

Question

4. Dèan geàrr-chunntas air na prìomh phuingean a tha an t-ùghdar a’ toirt seachad gus an t-amas seo a choileanadh.

Nochd irisean an toiseach anns an Fhraing, anns a’ Ghearmailt agus ann an Sasainn.

Bha barrachd irisean a’ nochdadh ann am Breatainn tron naoidheamh linn deug.

Dh’fhàs an àireamh de irisean agus luchd-leughaidh leis gun robh e na bu shaoire an dèanamh.

Bha barrachd sheòrsachan de irisean a’ nochdadh mar a chaidh na bliadhnachan seachad agus mar sin air adhart.

Lean ort chun nan ceistean air an ath dhuilleig.