Tansaintean

Bidh tansaint a' coinneachadh cearcall aig aon phuing a-mhàin.

Tangent and radius circle diagram

'S e ceàrn ceart de \(90^\circ\) a tha eadar tansaint agus radius.

Question

San diagram seo 's e C meadhan a' chearcaill agus 's e tansaint ris a' chearcall a th' ann am PT.

CT = 5 cm agus PT = 12 cm.

Dè an fhaid a th' ann an CP?

Right-angle triangle over circle, 1 side equal to the radius of 5cm, 1 side of 12cm

'S e tansaint a th' ann am PT agus radius a th' ann an CT agus mar sin tha \(\angle CTP = 90^\circ\).

Tha triantan ceart-cheàrnach againn agus faodaidh sinn mar sin Pythagoras a chleachdadh:

\[C{P^2} = {12^2} + {5^2} = 169\]

\[CP = \sqrt {169} = 13\,cm\]

Move on to Video
next