Ceithir-cheàrnaich

Bidh na ceàrnan ann an ceithir-cheàrnach a' dèanamh 360°.

Ceàrnag

Tha ceithir taobhan co-ionann agus ceithir ceàrnan ceart ann an ceàrnag.

Diagram of a square

Tha gach trastan a' gearradh còrnair ann an dà cheàrn de 45^\circ.

Two isosceles triangles joined at the base to form a square with the 45° base angles

Mothaich cuideachd gu bheil na trastain co-ionann agus gu bheil iad a' gearradh a chèile ann an dà leth aig ceàrnan ceart. 'S e loidhneachan-cothromachaidh a tha sna trastain agus tha sin a' ciallachadh gu bheil 4 loidhneachan-cothromachaidh aig a' cheàrnaig.

Ceart-cheàrnach

Tha na taobhan mu choinneamh a chèile co-ionann agus co-shìnte ann an ceart-cheàrnach. Tha ceithir ceàrnan ceart ann.

Diagram of a rectangle

Tha na trastain co-ionann agus roinnidh iad ceart-cheàrnach ann an ceithir triantain co-chasach. Chan e loidhneachan-cothromachaidh a tha sna trastain.

Diagram of a rectangle made up of 4 isosceles triangles

Question

Obraich a-mach meud ceàrn x^\circ.

Rectangle made of 4 isosceles triangles, one with a 70° angle, another with an x° angle

Bhon a tha 90° anns gach còrnair de cheart-cheàrnach, 's e 90° - 70° = 20° a bhios sa cheàrn as lugha sa chòrnair mhullaich chlì.

Le bhith a' cleachdadh loidhneachan-cothromachaidh a' cheart-cheàrnaich, chì sinn na ceàrnan eile a tha co-ionann agus thèid againn an uair sin air ceàrnan sam bith a tha a dhìth anns gach triantan obrachadh a-mach.

4 isosceles triangles forming a rectangle. 70° and 40° angles and 20° and 140° angles

A' cleachdadh an triantain cho-chasaich aig a' mhullach:

x^\circ  = 180^\circ  - (20^\circ  + 20^\circ ) = 180^\circ  - 40^\circ  = 140^\circ