Geoimeatraidh

Ceàrnan air an cruthachadh le loidhneachan co-shìnte

'S e loidhneachan dìreach air an aon chùrsa a th' ann an loidhneachan co-shìnte agus mar sin cha choinnich iad gu bràth. Bidh loidhneachan co-shìnte air an comharrachadh le saighead mar a chì thu gu h-ìosal.

Two parallel lines with arrows pointing left to right

Ann an diagraman, 's dòcha gun cruthaich loidhneachan co-shìnte:

  • ceàrnan co-fhreagarrach
  • ceàrnan-mu-seach

Ceàrnan co-fhreagarrach

Uaireannan canar ceàrnan 'F' riutha seo.

San diagram gu h-ìosal tha loidhneachan co-shìnte air an trasnadh le loidhne eile.

Two parallel lines with a gradient line crossing them with symbols showing equal angles

'S e ceàrnan co-fhreagarrach a tha san dà cheàrn a tha comharraichte san diagram seo.

Two parallel lines with a gradient line crossing them at an angle of 100°

'S e ceàrnan-mu-seach no ceàrnan Z, a tha san dà cheàrn a tha comharraichte sna diagraman gu h-ìosal. Tha iad co-ionann.

Z shape with two parallel lines connected by a diagonal line with equal anglesZ shape with two parallel lines connected by a diagonal line with equal angles of 63°

Ceàrnan dìreach mu choinneamh a chèile

Canar ceàrnan dìreach mu choinneamh ris na ceàrnan seo bhon a tha iad mu choinneamh a chèile aig gob.

X shape with overlapping diagonal lines creating equal anglesX shape with overlapping diagonal lines creating equal angles of 35°

Canar ceàrnan dìreach mu choinneamh ris an dà cheàrn a tha comharraichte san diagram agus tha iad co-ionann.