Learning - Learning to drive

The following article is about the experience of learning to drive. Read the text then answer the questions which follow.

1. Bidh ionnsachadh dràibheadh a' cur dragh air an uabhas de dhaoine òga. A h-uile latha ann an Alba, bidh daoine òga a' ruighinn aois seachd-deug agus a' faighinn a' chead-dràibhidh sealach aca. 'S dòcha gun tèid iad a-mach airson greiseag air cùl na cuibhle còmhla ri am pàrantan no inbheach eile.

2. Ged tha dràibheadh a' ciallachadh saorsa do dheugairean leis nach bi aca ri feitheamh airson lioftaichean o phàrantan agus o charaidean, tha rathad fada air thoiseach orra an uair sin. 'S e rud gu math cunnartach a dh'fhaodas a bhith ann an dràibheadh co-dhiù, ach gu h-àraidh nuair a tha dràibhear ùr agus òg. Tha dràibhearan òga eadar seachd bliadhna deug agus naoi bliadhna deug a dh'aois an sàs ann an 9% de thubaistean dona anns an Rìoghachd Aonaichte ged nach eil iad a' dèanamh an-àird ach 1.5% de dhràibhearan le cead-dràibhidh.

3. Mar sin, mus dèan iad an deuchainn dràibhidh, feumaidh iad leasanan airson eòlas fhaighinn agus na sgilean aca a leasachadh. Tha seo uabhasach daor. Ma tha iad fortanach, bidh na pàrantan aca gan cuideachadh, ach feumaidh a' mhòr-chuid obair fhaighinn gus pàigheadh air an son.

4. Fhuair Catrìona NicIlleDhuibh an cead-dràibhidh aice o chionn ceithir bliadhna. "Bha mòran iomagain orm nuair a thòisich mi air dràibheadh ionnsachadh. Bha mi ann an tubaist rathaid nuair a bha mi dà bhliadhna dheug a dh'aois agus bhithinn a' fàs tinn air cuairtean fada sa chàr cuideachd. Mholainn gum faigh thu leasanan o stiùiriche ceart. Dh'fheuch mi ri dà leasan a dhèanamh còmhla ri m' athair agus chaidh sinn a-mach air a chèile gu dubh!"

5. "Bha mi ag ionnsachadh airson naoi mìosan air fad. Rinn mi ceart gu leòr san deuchainn theòiridh, ach bha mi a' faighinn parcadh gu mo chùl sònraichte doirbh. Dh'fhàilnich mi an deuchainn phractaigeach dà thuras mus do phasaig mi i an treas turas. Ach bha an stiùiriche agam glè thaiceil agus gach turas bhiodh e gam chuideachadh fàs nas fheàrr. An treas turas, rinn mi an gnothach agus bha mi air mo dhòigh."

6. Tha e gu math cumanta a bhith a' fàilneachadh na deuchainn dhràibhidh air a' chiad uair. Tha àireamhan oifigeil o 2017/18 a' sealltainn nach eil an ìre phasaigidh ach 46.7%. Mar sin, ged 's e briseadh-dùil mòr a th' ann nuair a thachras e, chan e deireadh an t-saoghail a th' ann, ach feumaidh tu fuireach deich latha-obrach às dèidh làimh airson deuchainn eile a shuidhe.

7. Dè as urrainn dhut a dhèanamh gus na cothroman agad a dhèanamh nas fheàrr? Tha tòrr comhairle fheumail ri fhaotainn air làraich-lìn aig buidhnean dràibhidh mar an RAC no an AA.

Now answer the questions on the next page.