Co-mheas

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad.

Eisimpleir

Tha 3 cait agus 7 coin aig tuathanach.

Sgrìobh co-mheas nan cat ri coin agus co-mheas nan con ri cait.

Cait : Coin = 3 : 7

Coin : Cait = 7 : 3

Question

Tha 85 caoraich agus 15 mart cuideachd aig an tuathanach.

Sgrìobh co-mheas nam mart ri caoraich san riochd as sìmplidhe.

mart : caoraich = 15 : 85

Gabhaidh 15 agus 85 a roinn le 5

\frac{{15}}{5} = 3

\frac{{85}}{5} = 17

Mar sin 15 : 85 = 3 : 17