Leasachaidhean gus seann daoine a chuideachadh

Achd Peinnsean nan Seann Daoine, 1908

Fiosrachadh agus soirbheachadh:

  • Gheibheadh daoine a bha còrr is 70 bliadhna agus le tuarastal de £21-£31 sa bhliadhna peinnsean (1-5 tastan san t-seachdain).
  • Ann an 1914, bha millean neach a' faighinn peinnsean.

Dìth soirbheachaidh:

  • Bha mòran pheinnseanairean aig nach robh teisteanas breith a dhearbhadh an aois.
  • Bha mòran a' bàsachadh le cruadal mus robh iad 70.
  • Airson peinnsean fhaighinn dh'fheumadh tu bhith nad Bhreatannach agus a bhith a' fuireach san RA airson 20 bliadhna.
  • Airson peinnsean fhaighinn chan fhaodadh tu bhith sa phrìosan sna deich bliadhna roimhe sin.