Rannsachadh

Mar as trice tòisichidh rannsachadh le taisbeanadh de dh'fhiosrachadh mu shuidheachadh, agus bidh ceistean às a dhèidh an dara cuid mun fhiosrachadh seo, no mun bhuaidh a th' aig atharraichean air an t-suidheachadh.

Eisimpleir

Pàirt 1

Tha Jim a' trèanadh airson a bhith na chòcaire. Tha e san treas bliadhna dhen chùrsa aige. 'S e \(\pounds850\) sa mhìos an tuarastal aige. Tha càr aige agus tha e a' fuireach còmhla ri phàrantan. Bidh e a' siubhal 50 mìle san latha gu obair (ann is air ais). Seo am buidseat mìosail aige:

Dè th' ann?Cosgais
Iasad a' chàir\[\pounds135\]
Peatrail\[\pounds150\]
Parcadh\[\pounds40\]
Seirbheiseachadh a' chàir\[\pounds50\]
Àrachas a' chàir\[\pounds40\]
Cuideachadh le cosgaisean an teaghlaich\[\pounds160\]
Sàbhaladh\[\pounds60\]
Cur-seachadan\[\pounds150\]
Iomlan
Question

Obraich a-mach cosgaisean iomlan Jim an coimeas ri a theachd-a-steach.

Cosgais iomlan \(= \pounds785\)

Tha plana a' bhuidseat aig Jim a' sealltainn gu bheil na tha e an dùil a chosg nas lugha na an teachd-a-steach aige gach mìos. 'S e an t-sùim \(\pounds850 - \pounds785 = \pounds65\).

(Bidh Jim a' fàgail an airgid seo sa chunntas-banca aige gach mìos agus faodaidh e a chleachdadh ma thig cosgais gun dùil air.)

Pàirt 2

Tha Jim an dùil gun tèid an tuarastal mìosail aige suas gu \(\pounds930\) sa bhliadhna nuair a bhios e sa bhliadhna mu dheireadh dhen chùrsa aige. Tha e cuideachd an dùil an dachaigh fhàgail agus a dhol a' flat còmhla ri daoine eile.

Bidh an dachaigh ùr aige faisg gu leòr air an obair aige airson coiseachd ann. Bidh e a' pàigheadh \(\pounds350\) gach mìos airson a' mhàil. Tha seo a' gabhail a-steach gas, dealan agus a' chìs comhairle.

Feumaidh Jim sùil eile a thoirt air a' bhuidseat aige.

Cosgais a' chàir

Tha Jim a' faicinn gun deidheadh aige air \(\pounds350\) a phàigheadh gach mìos air a' mhàl, às aonais an àrdachaidh, mura biodh càr aige.

Iasad a' chàir\[\pounds135\]
Peatrail\[\pounds150\]
Parcadh\[\pounds40\]
Seirbheiseachadh a' chàir\[\pounds50\]
Àrachas a' chàir\[\pounds40\]
Iomlan\[\pounds415\]

Tha e a' cosg \(\pounds415\) air a' chàr agus tha sin \(\pounds65\) a bharrachd air na dh'fheumas e airson a' mhàil. Ach tha Jim an dòchas an càr a chumail nuair a ghluaiseas e. Mar sin tha e a' toirt sùil gheur air a' bhuidseat mhìosail 'ùr' aige.

Tuilleadh fiosrachaidh

  • Tha cosgais a' pheatrail \(\pounds100\) nas lugha chionn thèid aige air coiseachd a dh'obair bhon dachaigh ùir aige.
  • Chan eil cosgais parcaidh air chionn thèid aige air coiseachd gu obair bhon dachaigh ùir aige.
  • Bidh e a' cosg \(\pounds120\) air biadh an àite a bhith a' cuideachadh le cosgais an teaghlaich.

Question

Dè a' bhuaidh a th' aig an fhiosrachadh a bharrachd seo air na cosgaisean aige?

Dè th' ann?Cosgais
Màl\[\pounds350\]
Iasad a' chàir\[\pounds135\]
Peatrail\[\pounds50\]
Seirbheiseachadh a' chàir\[\pounds50\]
Àrachas a' chàir\[\pounds40\]
Biadh\[\pounds120\]
Sàbhaladh\[\pounds60\]
Cur-seachad\[\pounds150\]
Iomlan\[\pounds955\]

Pàirt 3

Tha plana a' bhuidseat aig Jim a-nis a' sealltainn gu bheil na tha e an dùil a chosg nas motha na an teachd-a-steach aige sa mhìos.

'S e an t-sùim \(\pounds955 - \pounds930 = \pounds25.\)

Ach tha e a' faicinn gun tèid aige air gluasad ma nì e beagan atharraichean eile.

Question

Na do bheachd-sa, dè na h-atharraichean eile a dh'fhaodadh Jim a dhèanamh ris a' bhuidseat a leigeadh dha an càr a chumail agus gluasad?

Chan eil dìreach aon fhreagairt ann dhan cheist seo. Bu chòir dhut a dhà no trì mholaidhean ciallach a dhèanamh airson gun tèid aige air sàbhaladh a dhèanamh.

Shàbhaileadh e \(\pounds25\) le bhith:

  • a' sàbhaladh \(\pounds10\) nas lugha
  • a' cosg \(\pounds5\) nas lugha air biadh
  • a' cosg \(\pounds10\) nas lugha air cur-seachad.
Move on to Video
next