Gràin-cinnidh agus claon-bhreith

Gràin-cinnidh

Bha malairt nan tràillean san Atlantaig stèidhichte air gràin-cinnidh agus beachd nach robh Afraganaich dhubha cho math ri Eòrpaich gheala.

Am measg nan adhbharan a thathar a' toirt mar mhìneachadh air mar a bha Eòrpaich a' gabhail brath air Afraganaich dhubha ann am malairt nan tràillean tha na leanas:

  • Bha Afraganaich na bu fhreagarraiche airson obair mar sin.
  • Bha Afraganaich na bu mheata agus chuireadh iad suas ri obair na bu chruaidhe agus ri barrachd teas.
  • Cha robh Afraganaich cho adhartach ri Eòrpaich.

Bidh luchd-eachdraidh eile ag ràdh gun do ghabh iad brath air Afraganaich dhubha oir bha e na b' fhasa Afraganaich fhaotainn mar thràillean. Nam biodh iad air daoine geala a thogail mar thràillean, bhiodh iad air barrachd càinidh fhaighinn bhon Roinn Eòrpa.

Claon-bhreith

Bha an comann-sòisealta sna planntachasan a' faicinn gun robh àireamh mhòr de dhaoine dubha air an riaghladh le mion-chuid cumhachdach de dhaoine geala. Bha claon-bhreith ann an aghaidh nan daoine dubha.

Bha Iameuga na eisimpleir de chomann-sòisealta mar sin. Ann an Iameuga, bha a' mhòr-chuid de dhaoine geala dhen bheachd nach robh dòigh air mòran de thràillean Afraganach a chumail fo smachd ach le brùidealachd.

Seach gun robh neo-chothromachadh cinnidh ann an Iameuga cho fior mhòr, thug e buaidh air a h-uile nì riamh sa chomann-sòisealta. Seach nach robh ach aon neach às gach naoinear dhen t-sluagh geal, bha Iameuga air comann-sòisealta cho mòr 's a bha riamh ann an eachdraidh stèidhichte air cinneadh thràillean.

Sa chiad bhliadhna a bha e ann an Iameuga, bha an neach-seilbh phlanntachasan à Breatainn, Thomas Thistlewood, beò ann an saoghal a bha cha mhòr dubh gu lèir. Fad sheachdainean, chan fhaca e duine geal eile. Bha eagal air luchd-cuir geal mu na dh'fhaodadh tachairt nan cailleadh iad an ùghdarras agus smachd air na tràillean.

Seach nach robh bacadh sam bith air an saorsa phearsanta, bha daoine geala a' cumail smachd air na tràillean aca le fòirneart a chuir uabhas air luchd-coimhid bhon taobh a-muigh.

Move on to Test
next