Eagal ro ar-a-mach

A' faighinn air falbh bho thràillealachd

Bha tràillean a' dèanamh rudan èiginneach, cunnartach airson feuchainn ri faighinn air falbh bho thràillealachd, mar:

  • fèin-mhurt
  • murt
  • teiche
  • ar-a-mach

Do luchd-seilbh geal nan tràillean, bha an cunnart bho ar-a-mach na dhuilgheadas mòr. Ma bha tràillean ri ar-a-mach, bha sin cosgail oir bha e a' toirt buaidh air na dheigheadh a dhèanamh de bhathar. Dh'fhaodadh iad fhèin cuideachd a bhith ann an cunnart mòr – bha fada a bharrachd thràillean air na planntachasan na bh' ann de mhaighstirean geala.

Ar-a-mach thràillean air an t-Slighe Mheadhain

An Jolly Batchelor: bàta thràillean

Ann an 1742, fhad 's a bhathar a' toirt thràillean air bòrd air Abhainn Sierra Leone, chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhàta, an Jolly Batchelor, agus chaidh a gabhail thairis le tràillean Afraganach. Chaidh an criutha a mharbhadh san t-sabaid agus thug na h-Afgranaich aiste na croinn agus na siùil, agus shaor iad na h-Afraganaich eile a bha san toll aice. An uair sin thrèig iad am bàta.

Ar-a-mach thràillean air planntachasan

Bha cuid de thràillean Afraganach air na planntachasan a' sabaid airson an saorsa le bhith a' cleachdadh ar-a-mach tàmhach (ag obair air an socair) no a bhith a' teiche. Dh'fhàs an àireamh a bha a' teiche cho mòr 's gun do chuir a' mhòr-chuid de dh'eileanan nan Innseachan an Iar laghan an gnìomh airson dèiligeadh ris an duilgheadas agus ri seòrsa sam bith eile de dh'ar-a-mach.

Eisimpleirean dhe na laghan sin:

Antigua - Fuilingidh tràill sam bith a theicheas airson trì mìosan no barrachd am bàs, call ball bodhaig no cuipeadh, a rèir breith dithis bhritheamhan.

Montserrat - Duine geal sam bith a ghlacas beò tràill a theich, bheir an neach-seilbh dha 500 punnd siùcair. Tràill sam bith a bhios air falbh airson trì mìosan no barrachd, thèid a chur gu bàs mar eucorach.

St Christopher - Faodaidh neach geal, no saoranach eile, tràill a lorgas iad air falbh bhon phlanntachas aca gun chead an neach-seilbhe a chuipeadh.

Iameuga - Thèid tràill sam bith a lorgar le eadar 5 is 20 punnd de dh'fheòil ùr a chuipeadh le òrdugh dithis bhritheamhan, ach chan fhaodar barrachd air 39 sràcan a thoirt dha.

Barbados - Thèid tràill a nì fòirneart air Crìosdaidh a chuipeadh gu dona a' chiad turas a thachras e. Air an dara eucoir, thèid an tràill a chuipeadh gu mòr. Thèid a shròn a ghearradh agus cuirear comharra air aodann le iarann teth. Air an treas eucoir, bu chòir peanas nas motha a thoirt dhan tràill mar a bhios iomchaidh am beachd na comhairle agus an riaghladair.

Seòrsachan ar-a-mach an aghaidh tràillealachd