Gnothaichean maoineachaidh

Obair thràillean

Chaidh eaconamaidhean san t-Saoghal Ùr, a bha stèidhichte air na planntachasan, a thogail le obair thràillean. Air sgàth na prothaid mhòir a bha na lùib do mharsantan san Roinn Eòrpa, lean malairt nan tràillean air adhart gus an deach cur às dha ann an 1807.

Bha e daor tràillean a cheannach, ach bha a' phrothaid bhon obair aca fada, fada na bu mhotha na bha na cosgaisean. Chaidh 70% de thràillean a thoirt dhan t-Saoghal Ùr airson obrachadh air siùcar, am bàrr a bu mhotha a dh'fheumadh de luchd-obrach. Bha an còrr a' buain cofaidh, cotan agus tombaca.

Bha obair mhòr an cois siùcar fhàs, agus bha feum air mòran thràillean airson gum biodh prothaid às. Bha airgead gu leòr aig luchd-seilbh beairteach. Mar sin b' urrainn dhaibh tràillean obrachadh gu bàs agus an uair sin tuilleadh a cheannach.

Prothaid

B' e coloinidhean nan Innseachan an Iar, a bhuineadh do Bhreatainn, na coloinidhean a bu phothaidiche a bh' ann an 1800. Rinn am beagan Bhreatannach a bha nan luchd-cuir fortan mòr. Chaidh a' bhuannachd sin a dhaingneachadh nuair a chaill an Fhraing an coloinidh a bu chudromaiche a bh' aca, St. Dominigue (Haiti an-diugh), air sgàth ar-a-mach thràillean ann an 1791.

An dèidh 1791, b' e eileanan Breatannach a' Charibbean a bu mhotha a bha a' dèanamh de shiùcar, agus cha b' fhada gus am b' e na Breatannaich a bu mhotha a bha ga chleachdadh. Dh'fhàs e cumanta a bhith a' cur siùcar às na h-Innseachan an Iar ann an teatha às na h-Innseachan. Bha a' phrothaid à tràillealachd ga chur air ais dhan eaconamaidh agus chuidich sin le gnìomhachas a leasachadh ann am Breatainn agus anns na coloinidhean.

Thàinig Manchester gu bhith cudromach airson aodach-fighte. Bha na factaraidhean a' dèanamh aodach à cotan a bhuain tràillean. Bha mòran dhen aodach sin ga reic air ais ris na h-Afraganaich airson tuilleadh thràillean.

Eadar 1630 agus 1807, rinn marsantan thràillean Bhreatainn mu £12 millean de phrothaid le bhith a' ceannach agus a' reic dhaoine à Afraga. B' e tràillean a bha a' dèanamh mu 75% de mhach-bhathar amh bho na coloinidhean ùra.

Bancaichean agus àrachas

Bha e a' toirt ùine mhòr agus bha e daor bàta thràillean fhaighinn deiseil airson malairt an triantain. Bheireadh e 's dòcha còrr is bliadhna mus tilleadh bàtaichean a Bhreatainn agus a dhèanadh iad prothaid. Mus pàigheadh iad airson bhòidsichean mar sin, dh'fheumadh marsantan airgead fhaotainn airson a' chiad chosgaisean a phàigheadh.

Thug Banca Shasainn seachad airgead calpa airson bhòidsichean thràillean agus bha Cathair-bhaile Lunnainn aig cridhe maoineachadh malairt nan tràillean.

Ach bha e cunnartach ge-tà a bhith a' seòladh thar an Atlantaig, agus cuide ris an t-suidheachdadh gharbh a bh' air bàtaichean nan tràillean, bha cunnart mòr ann gun caillist an cargu de dhaoine agus cargu eile air an t-slighe. Thug an comann àrachais as sine a th' ann am Breatainn, Lloyds Lunnainn, seachad àrachas airson bàtaichean nan tràillean. Thòisich Banca Bharclays cuideachd air tasgadh ann am malairt nan tràillean.

Prothaid a' tuiteam

Tha fianais ann nach robh malairt nan tràillean buileach cho prothaideach faisg air deireadh an 18mh linn.

Bha a' phrìs airson tràillean a cheannach ann an Afraga a' dol suas. Ràinig a' phrìs £25 ann an 1800, ach cha robh a' phrìs airson reic air a dhol suas cho luath agus bha e dìreach aig £35 ann an 1800.