Dòigh-beatha air planntachas

Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas
Tràillean a' buain slatan siùcair air planntachas

Bha dòigh-beatha dhoirbh aig na tràillean air na planntachasan. B' e obair air leth doirbh a bh' ann a bhith a' fàs siùcar. Bhiodh buidhnean thràillean san robh fir, mnathan, clann agus seann daoine ag obair bho mhoch gu dubh le ceannard geal a' cumail sùil orra.

Thigeadh iad a dh'obair am beul an latha agus cha stadadh iad airson fois agus biadh, ach aig àm bracaist agus àm lòin. An dèidh sin bha iad ag obair gus an tigeadh an oidhche. Nuair a thilleadh iad dhan àite-fuirich aca, glè thric bhiodh obair ri dhèanamh an sin mus deigheadh iad dhan leabaidh.

Bha na tràillean air an cuipeadh mura biodh iad ag obair cruaidh gu leòr. Aig àm buain, bhiodh na tràillean ag obair suas ri 18 uairean san latha.

Nigheanan ann an tràillealachd

Bhiodh nigheanan ag obair air na h-oighreachdan bho bha iad ceithir bliadhna a dh'aois. Bha nigheanan eadar 12 is 19 an sàs ann an iomadh obair eadar obair a-muigh, obair air stoc agus obair-taighe. Bhiodh boireannaich na bu shine glè thric ag obair nam mnathan-glùine, nan nursaichean no ann am banas-taighe.

Ann an Iameuga, bha a' mhòr-chuid de bhoireannaich eadar 19 agus 54 ag obair sna h-achaidhean.

Taigheadas air a' phlanntachas

Air a' phlanntachas, bha na tràillean a' fuireach ann an taighean-tughaidh bheaga. Glè thric 's e ùir a bhiodh san làr agus cha bhiodh annta ach leabaidh, bòrd agus beinge.

Droch làimhseachadh agus peanasachadh

Bha làn-smachd aig na maighstirean geala air beatha nan tràillean, agus bha iad a' coimhead orra mar nithean a bhuineadh dhaibh.

Cha robh còraichean idir aig tràillean, agus dh'fhaodadh luchd-seilbh nam planntachasan a bhith coltach ri deachdairean nan togradh iad. Bha tràillean a bha eas-umhail, no a dheigheadh an aghaidh an rud a bu lugha, air am peanasachadh gu dona. Ann an Antigua cha b' e eucoir a bh' ann tràill a mharbhadh gu 1723. Bha tràillean aig luchd-lagha agus aig breitheamhan an eilein. Mar sin cha robh ùidh aig duine casaid a thogail an aghaidh duine airson a bhith a' droch làimhseachadh thràillean.

Bha cuid de pheanasan nan tràillean na bu mhiosa na cuid eile. Dh'fhaodadh tràillean a dh'fheuch ri teiche a bhith air an crochadh no air an leòn. Bhiodh tràillean glè thric air an cuipeadh airson rud sam bith a dhèanadh iad ceàrr – bha an àireamh shràcan a rèir 's dè cho dona 's a bha an 'eucoir'.

Olaudah Equiano - sgeulachd fhear a bha uair na thràill

Bha Olaudah Equiano uaireigin na thràill agus dh'fhoillsich e eachdraidh a bheatha ann an 1789. Sgrìobh e:

  • Bha e cumanta a' chiad litir de dh'ainm a mhaighstir a chur air tràill le iarann teth, agus bhiodh dubhain throm iarainn mun amhaichean.
  • Bhiodh sèinichean troma iarainn gan crochadh air na dubhain sin airson an adhbhair a bu lugha, agus glè thric bhiodh innealan pianaidh gan cur orra cuideachd.
  • Dh'fhaodaist muiseal agus glas-mheur cuideachd a chur air tràill.

Thuirt Equiano, Chunnaic mi duine dubh air a chuipeadh gus an do bhris cuid dhe chnàmhan dìreach airson leigeil le poit cur thairis.