Dh’fhuiling tràillean droch shuidheachadh is borbachd. Nan ruigeadh iad na h-Innseachan an Iar beò, bha am beatha cruaidh. Dh’fheuch cuid ri teiche.
Bha do bheatha cruaidh agus borb ma bha thu nad thràill. Bha suas ris an treas cuid de dh'Afraganaich, a chaidh a ghlacadh mar thràillean, a' bàsachadh air an t-Slighe Mheadhain. Bha trian eile a' bàsachadh air na planntachasan taobh a-staigh beagan mhìosan air sgàth ghalaran ùra, tropaigeach. Bha feadhainn eile a' bàsachadh bho obair ro chruaidh.
Bha tràillean leis an luchd-seilbh gheal a bha gan ceannach, agus cha robh còraichean aca. Bha iad a' faotainn fìor dhroch làimhseachadh.
Thuirt an t-Àrd-ollamh David Dabydeen à Oilthigh Warwick, B' e droch dhòigh nach gabh tuigsinn a bh' ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine mar bhathar, gun truas sam bith ga nochdadh.
Bha seo a' ciallachadh:
Bha tràillean nach deigheadh a reic aig na rupan na bu mhiosa dheth buileach. Uaireannan bhiodh luchd-seilbh nam planntachasan gan ceannach saor agus iad an dùil an obrachadh gu bàs.
Dh'fhaodadh gun deigheadh tràillean a bha air am meas eas-umhail no doirbh a chur a 'champaichean grèidhidh'. Bha 50% dhe na tràillean a bha gan cur dha na campaichean sin a' bàsachadh annta. Uaireannan bha feadhainn a bha ro lag, no ro thinn, airson an reic air am fàgail gus am bàsaicheadh iad.