Riadh sìmplidh test questions

1

Chuir Lindy £78 ann an cunntas a tha a' pàigheadh riadh aig reat de 5% gach bliadhna.

Dè bhios aice de dh'airgead an dèidh dà mhìos?

2

Chuir Georgina £45 ann an cunntas a tha a' pàigheadh riadh aig reat de 5.2% sa bhliadhna.

Dè bhios aice de dh'airgead an dèidh bliadhna?

3

Shàbhail Tom £2430 agus thaisg e an t-sùim sin san aon chunntas a tha a' pàigheadh riadh aig ìre 9.5% gach bliadhna.

Dè na gheibh Tom de riadh ma dh'fhàgas e an t-airgead sa chunntas airson trì bliadhna?

4

Thaisg Michelle £4200 ann an cunntas-sàbhalaidh a tha a' pàigheadh riadh de 6.3% gach bliadhna.

Dè na gheibh i de riadh fillte an dèidh 10 mìosan?

5

Thaisg Mgr Schneider £1500 aig 8% gach bliadhna.

An ceann ochd mìosan, thug e a-mach an riadh airson a dhol a-mach oidhche dhan bhaile.

Dè bheir e a-mach de dh'airgead?

6

Chaidh £1640 a thasgadh ann am banca. Tha ìre an rèidh aig 4.5% gach bliadhna.

Obraich a-mach an riadh sìmplidh a bh' ann an dèidh 9 mìosan.

7

Chosg coimpiutair £1800 ann an airgead. 'S e cumhachan an aonta creideis: àirleas 15%, 36 sùimean de £64.60.

Obraich a-mach an t-sùim a bharrachd a chosg an t-aonta creideis.

8

Tha cucair ri fhaotainn le aonta creideis le bhith a' pàigheadh àirleas de 35% agus 36 sùim mìosail de £11.40.

Tha an cucair a' cosg £460 ann an airgead. Dè a' phrìs a tha e leis an aonta creideis?

9

Tha cucair dealain a' cosg £540 ann an airgead.

'S e cumhachan an aonta creideis: àirleas - 20% dhen phrìs agus 24 sùimean mìosail de £20.75.

Obraich a-mach a' phrìs gu lèir leis an aonta creideis.

10

Bha Ali airson motor-baic a cheannach aig £480.

Tha e a' dol ga phàigheadh le màl-cheannachd.

'S e na cumhachan: àirleas de 30% agus 12 sùim mhìosail de £33.80.

Dè chosg am baic leis an aonta creideis?