Èisteachd

Spòrs an Latha

Smaoinich mun earrainn air fad.

Question

Nad bheachd, càit an cluinneadh tu a leithid de earrainn?

- Air naidheachdan làitheil BBC Radio nan Gàidheal

- Air Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal

- Air prògram spòrs air stèisean rèidio ionadail

Air Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal.

'S e fiosrachadh spòrs nàiseanta (chan e ionadail) a tha seo. Chan ann à prògram naidheachdan làitheil a tha e oir tha sinn a' cluinntinn mu thachartas a ghabh no a ghabhas àite thairis air seachdain.

Question

Nad bheachd, cò a bu mhotha aig am biodh ùidh anns a' phrògram seo?

- Daoine aig a bheil ùidh ann an spòrs air feadh an t-saoghail

- Daoine aig a bheil ùidh ann an spòrs na h-Alba

- Daoine aig a bheil ùidh ann an spòrs air a' Ghàidhealtachd

Daoine aig a bheil ùidh ann an spòrs na h-Alba.

Tha gach naidheachd spòrs anns an earrainn ceangailte ri Alba (iomain, Albannach a bhios a' cluich goilf, ball-coise agus rugbaidh anns a bheil sgiobaidhean Albannach an sàs).

Question

Nad bheachd, dè cho soirbheachail 's a bha an earrann ann a bhith a' toirt fiosrachadh dhan luchd-èisteachd?

Ma thèid faighneachd dhut mu cho soirbheachail 's a bha teacsa ann a bhith a' coileanadh a h-amais, bu chòir dhut beachd pearsanta a thoirt seachad agus am beachd sin a mhìneachadh.

Mar eisimpleir: Bha i glè shoirbheachail. Thug an earrann fiosrachadh dhan luchd-èisteachd mu dhiofar spòrs air feadh Alba. Cha tug i seachad fiosrachadh mu spòrs aig nach robh gnothach ri Alba.

Move on to Test
next