Èisteachd

Spòrs an Latha

Question

Cò bhios a' cluiche oidhche Haoine aig Pàirce Hampden?

Sgioba Ban na h-Alba agus an Òlaind.

Question

Dè seòrsa geama a tha gu bhith ann?

Geama càirdeil.

Question

Dè bhios a' tachairt san Eadailt Disathairne?

Bidh Sgioba Rugbaidh na h-Alba a' cluich an aghaidh na h-Eadailt.

Question

Co ris a tha na h-Eadailtich a' coimhead air adhart?

Sluagh mòr de dh'Albannaich ann am fèilidhean agus lèintean rugbaidh.

Feuch gun sgrìobh thu gach rud a tha freagarrach. Cha bhiodh 'Na h-Albannaich' idir cho math mar fhreagairt an taca ri na tha gu h-àrd.

Question

Dè thuirt Uilleam Scott?

Gum biodh deagh chothrom aig na h-Albannaich buannachadh.