Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean èisteachd a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air na meadhanan.
Seo trì ceistean deug. Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.
Cò tha a' toirt thugainn Spòrs an Latha?
Pàdraig Mac a' Ghobhainn.
Cò na sgiobaidhean iomain a chluich Disathairne a chaidh?
An Gearastan agus Oilthigh Ghlaschu.
Carson a tha Gòrdan MacAonghais air ainmeachadh?
B' esan sàr-chluicheadair a' gheama.
Dè tha air a bhith ceàrr air Cailean Gunna anns na mìosan mu dheireadh?
Tha trioblaid air a bhith aige le druim goirt.
Ciamar a tha fios againn gur e cluicheadair goilf math a tha ann an Cailean Gunna?
Bhuannaich Cailean Na Masters trì bliadhna air ais.
NO
Bha e an dòchas gum faigheadh e àite anns a' chiad trì.