Ag atharrachadh gu airgead cèin

Nuair a bhios tu a' dol a-null thairis, feumaidh tu d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol.

Tha clàr le reatan iomlaid gu h-ìosal.

DùthaichReat iomlaid airson not Bhreatannach
Astràilia2.82 dolairean Astràilianach
Dùthchannan Eòrpach sa bheil an iùro1.58 iùro
An Eilbheis2.32 francan Eilbheiseach
Afraga a Deas16.34 rand
An Tuirc4.14 lira Turcach
Na SA1.55 dolairean Ameireaganach

Airson airgead Breatannach atharrachadh gu airgead cèin, iomadaich leis an reat iomlaid.

\text{Airgead cèin} = \,\text{Airgead Breatannach} \times \text{reat iomlaid}

Eisimpleir

Tha Anna a' dol dhan Spàinn air saor-làithean agus dh'atharraich i \pounds200 gu iùrothan. Cia mheud iùro a fhuair i?

Bitesize currency app on a tablet converting 200 British pounds to 316 Euros

Freagairt

'S e aon not \euro1.58

Sùim iùrothan  = 200 \times 1.58 = 316

Fhuair Anna \euro316

Cleachd an clàr iomlaid gu h-àrd agus freagair a' cheist a leanas.

Question

Tha Tim a' dol a Florida airson nan saor-làithean.

Shàbhail e \pounds150 dhen airgead pòcaid aige.

Cia mheud dolair a gheibh e?

'S e aon not 1.55 dolair.

Sùim dholairean = 150 \times 1.55 = 232.5

Fhuair Tim 232.50 dolairean.