Blàr an Somme

Fad grunn mhìosan dh'fhuiling an Fhraing call mòr aig Verdun – an ear air Paris. Airson na Frangaich a chuideachadh, chuir Àrd-ùghdarras nan Caidreach romhpa ionnsaigh a thoirt air na Gearmailtich tuath air Verdun. Mar sin dh'fheumadh na Gearmailtich cuid dhe na fir aca a ghluasad air falbh bho raon-blàir Verdun agus bha sin na chuideachadh dha na Frangaich.

Loidhneachan an nàmhaid gam pronnadh

Chùm Haig a' toirt pronnadh le làmhachas air loidhneachan an nàmhaid fad còig latha. Bha e an dòchas cur às do uèir bhiorach nan Gearmailteach, na trainnsichean aca a sgrios agus an luchd-dìon a mharbhadh. Ach 's e thachair gun robh gunnairean nan Gearmailteach a-mach às na fasgaidhean aca, agus deiseil airson losgadh, taobh a-staigh dà mhionaid dhen ionnsaigh làmhachais sgur.

Leòintich aig an Somme

Thòisich am blàr air 1 Iuchar 1916 agus an latha sin rinneadh an call bu mhotha riamh air Arm Bhreatainn – bha 19,200 marbh agus 40,000 air an leòn no air chall. Chaidh a' mhòr-chuid a mharbhadh sa chiad ceud meatair de no man's land.

Thathar ag ràdh gun robh Blàr an Somme mar chladh dha na batailianan a thogadh air feadh Alba deireadh an t-samhraidh ann an 1914. Ann am Blàr an Somme chaidh còrr is 500 a mharbhadh dhen 16mh Batailian de Shaighdearan-coise na Gàidhealtachd (Batailian Braigèid nan Gillean) agus chaidh 75% de Bhatailian MhicRath (Cridheachan) dhe na h-Albannaich Rìoghail a mharbhadh.

Chaidh 400,000 saighdear Breatannach gu lèir às an rathad aig an Somme, ach chaill na Gearmailtich an aon àireamh cha mhòr. B' ann an dèidh làimhe a thàinig e am follais gun tug Blàr an Somme briseadh air arm na Gearmailt air an Aghaidh an Iar.