Toiseach a’ Chiad Chogaidh ghabh mòran an Alba dhan arm is dùil nach biodh an cogadh fada. Bha iad sna trainnsichean air an Aghaidh an Iar is bhàsaich mòran sna prìomh bhlàir.
Thòisich Blàr Loos san t-Sultain 1915. B' e sin a' chiad turas a chaidh na feachdan saor-thoileach aig Kitchener a chleachdadh ann an ionnsaigh mhòr. Bha 35,000 Albannach an sàs sa bhlàr, agus b' e sin a' chiad turas a chleachd arm Bhreatainn gas puinnseanta mar bhall-airm.
Bha dragh mòr air an t-Seanalair Haig, a bha os cionn na h-ionnsaigh. Bha fios aige gur e glè bheag de dhìon a bh' aig na saighdearan a bha a' dol a thoirt ionnsaigh, agus mar sin bhiodh iad follaiseach dha na gunnairean Gearmailteach. Bha Haig am beachd gas clòrain a leigeil mu sgaoil à canastairean, ach cha shoirbhicheadh a' chùis mur a bhiodh gaoth ann a shèideadh an gas gu ruige nan Gearmailteach.
Nuair a thòisich an ionnsaigh, tha cuid de dh'aithrisean ag ràdh gun do dh'atharraich a' ghaoth agus gun deach an gas a shèideadh air ais air na h-Albannaich. Air iomadh pàirt de raon a' bhlàir chaidh na Gearmailtich a phutadh air ais, ach chaidh an t-uabhas dhaoine a mharbhadh. Bha feum air tuilleadh taic, ach thug e ùine mus tàinig sin.
Mun àm a thòisich an ionnsaigh a-rithist, bha na Gearmailtich cuideachd air iad fhèin a neartachadh. Cha tàinig ionnsaigh Bhreatainn gun fhiosta agus cha robh dìon aca bho ghas. Mar sin leag gunnaichean nan Gearmailteach na mìltean à feachd Kitchener.
Bha batailianan às a h-uile rèisimeid à Alba a' sabaid ann am Blàr Loos agus chaidh an t-uabhas a mharbhadh. Chaidh 21,000 a mharbhadh le còrr is 7,000 à Alba. Thug an call ann an Loos buaidh air cha mhòr gach baile ann an Alba.