Cogadh nan trainnsichean

Albannaich air an aghaidh an iar

Nuair a thòisich a' Chiad Chogadh Mòr, b' e cogadh le gluasad a bh' ann le fir air eich a' toirt ionnsaigh le claidheamh air an nàmhaid. Deireadh an t-samhraidh 1914, bha Arm na Gearmailt air sabaid gus an robh iad faisg air Tùr Eiffel, ach dh'fhaillich orra Paris a ghlacadh no toirt air na Frangaich gèilleadh. Aon uair 's gun deach stad a chur orra, thòisich na Gearmailtich a' cladhach thrainnsichean dha na saighdearan aca airson gum biodh fasgadh aca bho theine an nàmhaid, agus rinn na Breatannaich agus na Frangaich an aon rud.

Cha b' fhada gus an robh trainnsichean a' sìneadh bho chladach a' chaolais thar 400 mìle gu crìoch na h-Eilbheis. B' e sin an Aghaidh an Iar. Bha cogadh a' ghluasaid air crìochnachadh. Fad na cuid bu mhotha dhe na ceithir bliadhna an dèidh sin, cha deach aig taobh seach taobh air briseadh a-mach agus bha an Aghaidh an Iar glaiste ann an cogadh nan trainnsichean.

Dìon

Bha na trainnsichean mar bu trice seachd troighean a dhoimhneachd agus sia troighean a leud. Bha clàran fiodha air bonn nan trainnsichean airson saighdearan a dhìon bho àmhghairean mar galar-coise nan trainnsichean. Rinn na saighdearan tuill ann an cliathaichean nan trainnsichean airson beagan dìon bhon aimsir agus bho theine an nàmhaid. Bha na trainnsichean air an loidhne-aghaidh cuideachd air an dìon le uèir bhiorach agus le ionadan ghunnachan.

Air cùl trainnse na loidhne-aghaidh bha trainnsichean cuideachaidh agus taic. Bha na trì sreathan de thrainnsichean a' còmhdach eadar 200 agus 500 slat de thalamh. Bha trainnsichean conaltraidh air an cladhach aig ceàrn ri trainnse na loidhne-aghaidh agus bha sin air a chleachdadh airson daoine, uidheamachd agus biadh a ghiùlan.

Air an loidhne-aghaidh

San àbhaist cha bhiodh daoine air an loidhne-aghaidh ach a dhà no trì làithean mus deigheadh an tilleadh dha na trainnsichean taic, agus an uair sin air ais airson fois agus feabhas. Ach uaireannan bhiodh daoine gu math na b' fhaide air an loidhne-aghaidh. Mar eisimpleir bha am Freiceadan Dubh, rèisimeid Albannach, aon turas ann fad ceathrad latha 's a h-ochd gun fhois.

An dèidh timcheall air ceithir latha deug air cùl nan loidhnichean, bha fios aig na saighdearan nach biodh fada gus am biodh iad a' tilleadh chun na loidhne-aghaidh far am biodh iad tachasach air sgàth mialan am bìdeadh agus ann an trainnsichean cuide ri radain agus beò le eagal a' bhàis fad na h-ùine.

Bha e cuideachd na shàrachadh dha na saighdearan nuair nach robh dad aca ri dhèanamh. A thuilleadh air an sin, bha aca ri cur suas ri bhith a' smaoineachadh mun bhàs, no leòn, tighinn orra gu h-obann, an dara cuid bho urchraichean nan snaidhpearan, bho làmhachas no bho bhith a' dol thar a' mhullaich dhan bhlàr. Cha robh fèileadh nan Albannach idir freagarrach san t-suidheachadh ud oir bhiodh an t-uabhas mhialan beò am measg nam pleatan.

Bha an closadh air an Aghaidh an Iar a' ciallachadh gum feumadh an dà thaobh briseadh tro dhìon an nàmhaid. Mar sin bhiodh saighdearan gan cur thar a' mhullaich ann an ionnsaighean aghaidh agus bha sin ag adhbhrachadh gun robh an t-uabhas air am marbhadh.