Toiseach a’ Chiad Chogaidh ghabh mòran an Alba dhan arm is dùil nach biodh an cogadh fada. Bha iad sna trainnsichean air an Aghaidh an Iar is bhàsaich mòran sna prìomh bhlàir.
Nuair a thòisich an cogadh, bha daoine gu mòr air a shon air feadh na Roinn Eòrpa. Bha na ceudan mhìltean dhaoine nan cabhaig gus gabhail ann agus iad cinnteach gum biodh iad dhachaigh airson na Nollaig.
B' e arm glè bheag a bh' aig Breatainn an taca ri cumhachdan Eòrpach eile, agus chaidh iomairt a thòiseachadh san spot gus daoine a thogail dhan arm. Ann am Breatainn ghabh 900,000 dhan arm gu saor-thoileach sa chiad trì mìosan – 500,000 san Lùnastal a-mhàin. Bha cuid nach robh ochd-deug ged a bha iad ag ràdh gun robh.
Chaidh fir òga à Alba a bhrosnachadh gus gabhail dhan arm. Ghabh barrachd Albannach dhan arm gu saor-thoileach, an coimeas ri àireamh an t-sluaigh, na ghabh à sgìre sam bith eile san RA.
Bha grunn adhbharan, leithid cuideam bhon co-aoisean, faireachdainn ciontach agus miann a dhol an sàs ann an iomairt dhàna, aig Albannaich òga airson a dhol dhan arm gu saor-thoileach. Bha a' mhòr-chuid dhen bheachd gun cailleadh iad air turas inntinneach còmhla rin caraidean mura gabhadh iad dhan arm san spot. Ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach nach biodh an cogadh 'seachad ron Nollaig'.