Siostaman bruthadh àrd

Ana-chuairt èadhair

Adhair gorm, gun sgòth, le sgioba taisbeanaidh na Red Arrows air sgèith
Adhair gorm, gun sgòth, le sgioba taisbeanaidh na Red Arrows air sgèith

Tha ana-chuairt èadhair a' ciallachadh gu bheil bruthadh èadhair àrd ann agus bheir sin dhuinn greis mhòr de shìde sheatlaigte. Tha èadhar blàth a' dol sìos agus tha sin a' ciallachadh nach bi sgòthan gan cruthachadh. Aithnichidh tu siostaman bruthadh àrd air clàr sionoptaig oir:

  • tha na loidhneachan-bruthaidh fada bho chèile
  • chan eil aghaidhean/sgòthan ann
  • tha loidhneachan-bruthaidh a' sealltainn bruthadh a tha a' fàs nas motha a-mach bhon mheadhan agus os cionn 1008mb

Comharran bruthadh àrd

Tha loidhneachan-bruthaidh fada bho chèile agus a' toirt thugainn oiteagan beaga gaoithe. Tha sin air sgàth atharrachadh beag air bheag ann am bruthadh èadhair. Air sgàth nan oiteagan beaga gaoithe sin, faodaidh na siostaman sin fuireach san aon àite airson grunnan làithean.

  • Gaoth - bidh gaothan a' sèideadh deiseal nuair a bhios bruthadh àrd ann, agus bidh a' ghaoth a' sèideadh air slighe nan loidhneachan-bruthaidh. Obraichidh tu a-mach an àird bho bheil a' ghaoth le bhith a' leantainn nan loidhneachan-bruthaidh agus a' dol deiseal. Bidh oiteag bheag gaoithe ann nuair a bhios na loidhneachan-bruthaidh fada bho chèile.
  • Teòthachd - as t-samhradh, tha an t-adhar soilleir, chan eil mòran sgòthan ann agus tha an teòthachd àrd. Sa gheamhradh, tha an t-adhar cuideachd soilleir agus chan eil mòran sgòthan ann, ach tha an teòthachd fuar agus faodaidh reothadh agus ceò a bhith ann.