Ìsleachadh

Aghaidhean sìde

'S e siostam bruthadh ìosal, a tha a' gluasad bhon iar chun an ear san leth-chruinne a tuath, a th' ann an ìsleachadh.

Aithnichidh tu siostaman bruthadh ìosal bho chlàr sionoptaig air sgàth:

  • aghaidhean fuar
  • aghaidhean blàth
  • 's dòcha aghaidhean dùinte
  • loidhneachan-bruthaidh faisg air a chèile
  • loidhneachan-bruthaidh a' sealltainn bruthadh a' lùghdachadh chun a' mheadhain bho mu 1004mb

Aghaidh bhlàth

Ann an siostam le bruthadh ìosal, 's e an aghaidh bhlàth a' chiad aghaidh a thèid thairis air. Bidh seo a' tachairt nuair a choinnicheas èadhar blàth ri èadhar fuar agus a dh'èireas an t-èadhar fuar os a chionn. Bidh aghaidh bhlàth a' toirt thugainn uisge a mhaireas greis.

Aghaidh bhl‡thAghaidh bhlàth

Aghaidh fhuar

'S e an aghaidh fhuar an ath aghaidh a thig thairis. Bidh sin a' tachairt nuair a choinnicheas èadhar fuar ri èadhar blàth. Bidh èadhar fuar a' putadh èadhar blàth suas. Bidh aghaidhean fuar a' toirt thugainn frasan trom de dh'uisge.

Aghaidh fhuarAghaidh fhuar

Aghaidh dhùinte

Nuair a bheireas an aghaidh fhuar air an aghaidh bhlàth, bidh aghaidh dhùinte ann. Bidh aghaidh dhùinte a' toirt thugainn dòrtadh obann de dh'uisge mòr.

Aghaidh dh˘inteAghaidh dhùinte

Tha na trì aghaidhean co-cheangailte ri uisge.

Coimhead a' bhidio a leanas airson aghaidhean sìde a thuigsinn.

Uisge

Comharran ìsleachaidh

Far a bheil na loidhneachan-bruthaidh uabhasach faisg air a chèile, 's ann an sin as motha a bhios a' ghaoth. Tha sin air sgàth atharrachadh luath ann am bruthadh èadhair.

  • Gaoth - bidh gaothan a' sèideadh tuathal ann an ìsleachadh agus bidh a' ghaoth a' sèideadh air slighe nan loidhneachan-bruthaidh. Obraichidh tu a-mach an àird bho bheil a' ghaoth le bhith a' leantainn nan loidhneachan-bruthaidh agus a' dol tuathal.
  • Fliuch - far an coinnich èadhar blàth ri èadhar fuar, bidh an èadhar blàth air a phutadh suas agus bidh e a' fuarachadh, a' co-dhlùthachadh agus a' sileadh (mar as trice na uisge). Cuimhnich gur e bann de sgòthan a th' ann an aghaidh agus bidh sgòthan a' dèanamh uisge.
  • Teòthachd - san fharsaingeachd, bidh an earrann bhlàth air cùl na h-aghaidh bhlàth a' toirt dhuinn teòthachd nas blàithe. San fharsaingeachd, bidh an earrann fhuar air cùl na h-aghaidh a' toirt dhuinn teòthachd nas fhionnaire.

Nuair a bhios ìsleachadh a' dol seachad, tachraidh na h-atharrachaidhean a leanas:

Comharran ÏsleachaidhComharran ìsleachaidh

Faodaidh tu an clàr gu h-ìosal a chleachdadh airson cunntas a thoirt air na h-atharrachaidhean nuair a bhios ìsleachadh a' dol seachad.

Atharrachaidhean nuair a bhios ìsleachadh a' dol seachad
Comharran5 (Crìoch)4 (Aghaidh fhuar)32 (Aghaidh bhlàth)1 (Toiseach)
Còmhdach sgòtha agus seòrsaBriste. Breac a' mhuiltein (Cumulus)Sgòth àrd/throm Cumulo-nimbusStratus sgaoilteÌosal agus tiughCirrus àrd, srianagach
BruthadhA' dol am meudFhathast ìosalAn ìre as ìsleA' lùghdachadhÀrd
TeòthachdFionnarBlàthBlàthFionnarFionnar
UisgeFrasanTromTioram sa mhòr-chuidSmugraich uisgeTioram