Clàran sionoptaig agus sìde

Clàran sionoptaig

'S e map sìde nas mionaidiche a th' ann an clàr sionoptaig agus bidh e a' sealltainn dè an seòrsa siostam sìde a tha a' gluasad thairis air Breatainn.

Bruthaidhean àrd agus ìosal

'S e bruthadh èadhair a' phrìomh eileamaid sìde a tha air clàr sionoptaig.

Bidh loidhneachan-bruthaidh, a bhios a' ceangal sgìrean leis an aon bhruthadh èadhair, air na mapaichean sin. Bidh pàtran nan loidhneachan sin a' sealltainn raointean le bruthadh ìosal no le bruthadh àrd.

Tha iomadh feart air na mapaichean seo mar loidhneachan-bruthaidh, siostaman bruthadh ìosal (agus aghaidhean co-cheangailte riutha) agus siostaman bruthadh àrd.

Clàran agus samhlan

Feuch gun toir thu sùil mhionaideach air an fhiosrachadh anns a' chlàr. Anns an eisimpleir gu h-ìosal, tha an deit ag innse dhut dè an seòrsa sìde a bhios an lùib siostam bruthadh àrd.

Cl‡r Sionoptaig airson 14 Samhain 2010Clàr Sionoptaig airson 14 Samhain 2010