Tomadan èadhair

Na còig phrìomh thomadan eàdhair

'S e tomhas mòr de dh'èadhar a bhios a' gluasad à aon sgìre gu sgìre eile a th' ann an tomad èadhair. Tha an t-sìde a bheir tomad èadhair thugainn a rèir na sgìre às an tàinig e agus an seòrsa uachdair air an tàinig e thairis.

Tha còig phrìomh thomadan èadhair ann a bhios a' toirt buaidh air an Rìoghachd Aonaichte.

Tomadan Ëadhair a bhios a' toirt buaidh air an RATomadan èadhair a bhios a' toirt buaidh air an RA

Airson cunntas agus mìneachadh a thoirt air an t-sìde a bheir tomadan èadhair thugainn, smaoinich air na leanas:

  1. Dè an sgìre on tàinig an tomad èadhair - an ann bho Chearcall na h-Artaig, bhon Phòla a Tuath no bho na Tropaigean?
  2. An do shiubhail an tomad èadhair thar muir no tìr?

Cuidichidh an dà phìos fiosrachaidh gu h-àrd thu gu bhith a' toirt ainm dhan tomad èadhair agus gus cunntas a thoirt air na comharran aige. Seo na prìomh chomharran:

Ainm agus comharran an tomad èadhair
A' tòiseachadhComharran
TìrTioram
CuantanFliuch
TropaigeanBlàth
ArtaigFuar

Comharran air an t-sìde

Bu chòir dhut cuimhne a chumail air an fhiosrachadh sa chlàr gu h-ìosal airson a bhith cinnteach gun aithnich thu comharran sìde nan tomadan èadhair bho gach tùs-àite.

Comharran sìde
AinmTùs-sgìreComharran sìde
Tropaigeach Cuantach (mT)Cuan an AtlantaigBlàth agus fliuch
Tropaigeach Mòr-roinneil (cT)An Roinn Eòrpa a Deas agus Afraga a TuathBlàth agus tioram
Pòlarach Cuantach (mP)An Atlantaig a TuathFuar agus fliuch
Pòlarach Mòr-roinneil (cP)An Roinn Eòrpa a TuathFuar agus tioram
Artaig Cuantach (mA)Cuan na h-ArtaigUabhasach fuar. Chan eil i an-còmhnaidh fliuch air sgàth taiseachd ìosal

Tha atharrachaidhean ràitheil cuideachd a' toirt buaidh air teòthachd tomad èadhair. Tha an teòthachd as t-samhradh an-còmhnaidh nas àirde na tha i sa gheamhradh.

Cha bhi an tomad èadhair ris an canar tomad Artaig Cuantach ann ach ainneamh, ach nuair a bhitheas, bheir i thugainn sneachda mòr.

Ceistean

Question

Canar tomad èadhair _____ _____ ri tomad èadhair a ghluaiseas thairis air tìr bho na Tropaigean agus a bheir leis sìde _____ _____ .

Canar tomad èadhair Tropaigeach Mòr-roinneil ri tomad èadhair a ghluaiseas thairis air tìr bho na Tropaigean agus a bheir leis sìde thioram, bhlàth.

Question

Canar tomad èadhair _____ _____ ri tomad èadhair a thig bho Thropaig Chansar, thar Cuan an Atlantaig agus bheir e leis sìde _____ _____ .

Canar tomad èadhair Tropaigeach Cuantach ri tomad èadhair a thig bho Thropaig Chansar, thar Cuan an Atlantaig agus bheir e leis sìde fhliuch, bhlàth.