Caistealan

Leugh an earrann agus feuch air na ceistean.

Is iomadh caisteal a chì sinn air ar slighe eadar siud is seo. Agus nuair a smaoinicheas sinn air caisteal, is dòcha gum bi sinn a’ beachdachadh air togalach làn de ridirean treuna ’s de bhana-phrionnsan bòidheach.

Is e togalaichean làidir a bha ann an caistealan, togalaichean anns am biodh daoine sàbhailt bhon cuid nàimhdean. Thòisich linn mhòr togail nan caisteal anns na Meadhan Aoisean. San Roinn Eòrpa, b’ e àm cunnartach a bha seo, nuair bha rìghrean agus tighearnan a’ sabaid an aghaidh a chèile, airson cumhachd. Seach gun robh beatha mheadhan-aoiseil cho cunnartach, bhiodh daoine a’ togail chaistealan airson iad fhèin agus an saighdearan a dhìon. Mu dheireadh nam Meadhan Aoisean, bha daingnichean mar sin air feadh na Roinn Eòrpa.

Ach cha b’ e daingnichean a-mhàin a bha anns na caistealan. Sin far an robh na tighearnan a’ riaghladh an cuid fearainn agus far an robh dachaighean an cuid theaghlaichean. Nuair nach robh na fir air falbh sa chogadh, chuireadh iad ùine mhòr seachad am broinn a’ chaisteil còmhla rim mnathan agus còmhla rin cloinn. Bhiodh mòran shearbhantan a’ còmhnaidh sa chaisteal airson a bhith gam frithealadh. B’ iad sin còcairean agus gillean-eich, a bha a’ coimhead às dèidh eich nan saighdearan, agus mnathan-nighe a bhiodh a’ nighe an aodaich.

Bha na ciad chaistealan meadhan-aoiseil glè thric air an dèanamh de ùir ann an cumadh cearcaill, le dìg agus le bruach timcheall na h-oire. Air mullach na bruaiche, bhiodh feansa làidir de fhiodh. Bha sin airson nàimhdean a chumail air falbh bhon mheadhan.

Bhon 11mh linn, thòisich daoine a’ togail chaistealan cloiche, oir bha a’ chlach na bu làidire na am fiodh, agus cha robh i cho buailteach a dhol na teine. Dh’atharraich cruth a’ chaisteil cuideachd. B’ e tùr ceàrnach no tùr cruinn de chlachan a bha sa phrìomh phàirt, air a chuairteachadh le ballachan. Nochd tùir mhòra an toiseach san Fhraing, agus chaidh a’ chiad fhear ann an Sasainn a thogail aig Essex mu 1075. Is dòcha gur e an Tùr Geal an tùr Sasannach as ainmeile, pàirt de Thùr Lunnainn air an deach tòiseachadh sa bhliadhna 1078.

Bha e daor caisteal cloiche a thogail agus tric mhaireadh an obair iomadh bliadhna. Mus tòisicheadh an obair, dh’fheumadh an tighearna no an t-uachdaran làrach a thaghadh. Uaireannan, thaghadh e fhèin agus am prìomh chlachair làrach air talamh àrd, gus am biodh e doirbh ionnsaigh a thoirt air agus gus am biodh deagh shealladh aig a shaighdearan air nàimhdean a dh’fhaodadh a bhith a’ dlùthachadh. Ach uaireannan thaghadh iad làrach air talamh ìosal, faisg air abhainn anns am faigheadh iad uisge airson nighe agus còcaireachd. Dh’fheumadh cuaraidh a bhith faisg air làimh, far am b’ urrainnear clachan a shnaidheadh airson bhallachan agus airson thùir, agus dh’fheumadh iad a bhith faisg air coille far an leagadh iad craobhan airson a’ mhullaich.

Cha robh innealan togail ann mar is aithne dhuinne iad an-diugh, ach bha iomadh ball-acainn feumail aca. Bha sàibh agus tuaghan aca airson fiodh a ghearradh, agus bha sgeilbean aca airson cumadh a thoirt air clachan. Bhiodh iad a’ cleachdadh ròpan airson clachan a thogail suas gu ballachan a’ chaisteil. Agus bhiodh iad a’ cur suas fhàraidhean fiodha airson an cuideachadh gu bhith a’ sreap mun cuairt nan togalaichean.

Cha robh na ciad chaistealan idir cofhurtail. Cha robh anns na h-uinneagan ach sgoltadh anns na ballachan, agus bhiodh a’ ghaoth a’ feadalaich tro na seòmraichean. Gheibhte teas bho theintean ann am meadhan nan seòmraichean, ach bha ceò mhì-thlachdmhor ag èirigh bhuapa cuideachd. B’ ann lom a bha na h-ùrlair fuara cloiche, agus cha robh leapannan no seòmraichean-cadail idir anns na caistealan sin. Bha daoine a’ cur seachad a’ chuid bu mhotha den ùine san talla mhòir, am prìomh sheòmar, agus nuair bhiodh iad deiseil gu dol a laighe, chuireadh iad bobhstairean air an lìonadh le connlaich sìos air an ùrlar.

Thòisich piseach a’ tighinn air caistealan san dàrna linn deug. Bhathar a’ cur glainne anns na h-uinneagan airson am fuachd a chumail a-muigh. Bhiodh iad a’ cur àitean-teine mòra ann am ballachan nam prìomh sheòmraichean, agus bhiodh iad a’ ceangal phìoban riutha gus am faigheadh a’ cheò a-mach. Agus bhiodh searbhantan a’ crochadh dhealbhan air na ballachan, ’s bhiodh iad a’ sgaoileadh connlach air na h-ùrlair. Rè na sìthe, bha beatha sa chaisteal gu math tlachdmhor. Tràth sa mhadainn, dheigheadh na h-uaislean gu seirbheis cràbhachd sa chaibeal. Bhiodh bracaist shìmplidh aca san talla mhòir. An uair sin, dh’èisteadh iad ri iarrtasan nan daoine a bha a’ còmhnaidh air fearann a’ chaisteil , agus thrusadh iad cìsean bhuapa.

Mu aon uair deug, thigeadh gach neach gu chèile a-rithist airson prìomh bhiadh an là. Dh’òladh iad leann no fìon, oir cha robh an t-uisge ro shàbhailt. Uaireannan, bhiodh luchd-ciùil a’ cluich, agus bhiodh càch ag ithe ’s ag òl aig na bùird. Nuair bhiodh am biadh seachad, uaireannan dheigheadh na fir a shealg bheathaichean, mar fhèidh, anns na coilltean a bha faisg. Thilleadh iad feasgar airson suipear ithe, airson tuilleadh de fhìon no de leann òl, agus mu dheireadh bheireadh iad an leabaidh orra.

Bhiodh mnathan cudromach ag ithe còmhla ri na fir, ach bhiodh iad a’ cur seachad an còrr den ùine air leth. Bha iomadh dleastanas aig bean an tighearna. Dh’fheumadh i bruidhinn ri na còcairean mun bhiadh, agus dh’fheumadh i a bhith cinnteach gum faigheadh iad biadh gu leòr bho na tuathanaich. Nan ùine fhèin, bhiodh mòran de mhnathan beairteach a’ fuaigheal, no a’ cluiche air tàileasg. Chitheadh iad an cuid chloinne, ach bha iad an urra ri na searbhantan airson an nighe agus airson biadh a thoirt dhaibh.

Ach mun t-siathamh linn deug, thàinig crìoch air togail chaistealan den t-seòrsa sin. Bha beatha dhaoine na bu tèarainte, oir bha rìghrean cumhachdach air smachd a ghabhail air mòran de dhùthchannan na Roinn Eòrpa. Ach mairidh beachdan mu chaistealan romansach meadhan-aoiseil ann an inntinnean dhaoine.

Lean ort chun nan ceistean air an ath dhuilleig.