Clàran prìomhachais

Nuair a bhios pròiseact agad ri dhèanamh, co-dhiù 's e biadh a dhèanamh bho reasabaidh no taigh a thogail, feumaidh tu smaoineachadh air gach gnìomh fa leth a dh'fheumas tu a dhèanamh.

Tha cuid de rudan ann agus chan urrainn dhut tòiseachadh orra gus am bi feadhainn eile deiseil. Mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' togail taigh, chan urrainn dhut na h-uinneagan a chur ann gus am bi thu air na ballachan a thogail.

A' dèanamh teatha

Nuair a nì thu cupa teatha, feumaidh tu na rudan seo a dhèanamh:

Gnìomh
AGoil an coire
BCuir poca-teatha ann an cupa
CDèan an teatha agus leig leatha tarraing
DCuir innte am bainne

Ach tha òrdugh ann:

  • chan urrainn dhan teatha tarraing gus am bi thu air an t-uisge a ghoil
  • chan urrainn dhan teatha tarraing gus am bi thu air pocan-teatha a chur dhan chupa
  • chan urrainn dhut am bainne a chur innte gus am bi an teatha air a dèanamh.

Cuidichidh clàr prìomhachais thu a' cur nan gnìomhan ann an òrdugh agus seallaidh e na ceumannan.

Cuimhnich gu bheil na gnìomhan a tha an urra ri rudeigin a' buntainn a-mhàin ris na gnìomhan a tha dìreach ron ghnìomh a tha thu a' dèanamh.

GnìomhAn urra ri
A
B
CA, B
DC

Chì thu bhon chlàr seo gum faodadh tu A no B a dhèanamh an toiseach oir chan eil iad an urra ri gnìomh sam bith eile.