Buaidh feartan fiosaigeach agus daonna air sgaoileadh-sluaigh

Adhbharan fiosaigeach

Gnàth-shìde

  • 'S fheàrr le daoine a bhith a' fuireach ann an àite le gnàth-shìde mheasarra far a bheil sileadh gu leòr, ach gun teòthachd ro theth no ro fhuar.
  • Bidh dìth uisge ùr airson òl no airson uisgeachadh a' cur bacadh air daoine bho bhith a' fuireach ann an sgìre.
  • Far a bheil teòthachd uabhasach àrd, tha tuathanachas doirbh. Tha call uisge sa bhodhaig agus stròc teas cuideachd nan duilgheadas.
  • Ann an sgìrean far a bheil taiseachd mhòr, chan eil e cofhurtail a bhith a' fuireach annta agus faodaidh galaran mar mailèiria a bhith annta.
  • Far a bheil teòthachd a tha uabhasach fuar, tha e doirbh bàrr fhàs no taighean agus ceanglaichean còmhdhail a thogail, oir faodaidh an talamh a bhith reòta airson a' mhòr-chuid dhen bhliadhna.
  • Tha grèim-reothaidh ga dhèanamh doirbh a bhith ag obair a-muigh ro fhada, agus bu chòir aodach-dìon a bhith air daoine.

Tìr-chumadh

  • Bidh leòidean casa ga dhèanamh doirbh innealan a chleachdadh.
  • Bidh leòidean casa cuideachd ga dhèanamh doirbh taighean, rathaidean agus rèile a thogail.
  • Tha sgìrean àrd sna beanntan ro fhuar agus tha e doirbh bàrr fhàs.
  • Tha sgìrean àrd sna beanntan glè thric iomallach agus tha e doirbh faighinn thuca.
  • Tha an ùir nas doimhne ann an sgìrean còmhnard, ìosal agus tha e nas fhasa bàrr fhàs annta.

Stòrasan nàdarra

  • Ann an sgìrean far nach eil mòran stòrasan nàdarra, me gual, cha bhi mòran gnìomhachais ann agus mar sin cha bhi mòran chothroman cosnaidh ann.
  • Tha seallaidhean nan stòras agus faodaidh sin luchd-turais a thàladh, agus thig cothroman cosnaidh nan cois.

Ùir

  • Ann an sgìrean le ùir thorrach, me aig beul-aibhne, gabhaidh bàrr fhàs airson biadh dhan t-sluagh.
  • Far a bheil ùir bhochd le glè bheag de mhathachadh, cha bhi mòran àiteachais ann.