Comharran leasachaidh sòisealta agus eaconamach

Taisbeanairean sòisealta air leasachadh

Tha iad seo a' tomhas chùisean sòisealta agus a' sealltainn dè cho math 's a tha inbhe beatha ann an dùthaich sam bith, mar eisimpleir:

Cùis shòisealtaTaisbeanair
SlàinteÀireamh dhaoine gach dotair
FoghlamCeudad de dhaoine le litearras
DaitheadÀireamh chalaraidhean gan ithe gach latha le gach neach
Dùil-aoiseAois chuibheasach gu bheil daoine an dùil a bhith beò
Reat-bàis leanabanÀireamh chloinne gach 1,000 air am breith agus a' bàsachadh mus eil iad bliadhna
Atharrachadh sluaighÀireamh leanaban gam breith gach 1,000 boireannach gach bliadhna

Tha an aon seòrsa dhuilgheadasan ann nuair a thathar a' feuchainn ri leasachadh dùthcha a luachadh le taisbeanairean sòisealta a-mhàin. Tha iad sin cuideachd nan àireamhan cuibheasach thar na dùthcha agus, mar sin, bidh iad a' falach diofar eadar sgìrean agus cha mhotha a bhios iad a' coimeas slàinte ri foghlam agus daithead. Tha e nas fheàrr coimhead an dà chuid air taisbeanairean sòisealta agus eaconamach ma tha thu ag iarraidh dealbh cheart dhen leasachadh ann an dùthaich.